Dorsairean gus tilleadh

  • 6 An t-Samhain 2015
Comhairle na Gàidhealtachd

Tha coltas ann gun till dorsairean gu bun-sgoiltean na Gàidhealtachd is ùghdarras na sgìre gus am poileasaidh atharrachadh.

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd tiotal 'Manaidsearan Goireasan' air na dorsairean ann an 2011 is uallach ga thoirt dhaibh 'son grunn sgoiltean.

Tha e coltach gun do rinn sin feum ann an cuid de sgoiltean beaga ann an sgìrean dùthchail, ach gu bheil mì-thoileachas ann gu sònraichte ann an sgoiltean nas motha nach eil dorsair aca dhaibh fhèin.

Nochd dragh gun robh luchd-obrach eadar-dhealaichte a' tadhal air sgoiltean is nach robh eòlas idir aca air na togalaichean, is nach robh càirdeas aca le luchd-obrach is sgoilearan mar a bha nuair a bha dorsair fa leth aig gach sgoil.

Thèid iarraidh a-nise air Comataidh Foghlaim Comhairle na Gàidhealtachd "atharrachaidhean bunaiteach" a thoirt air a' phoileasaidh.

Molaidhean

Fo na molaidhean ùra, bhiodh dorsair ainmichte aig gach bun-sgoil.

Bhiodh dleasdanas air an dorsair 'son tè de na sgoiltean mòra, air neo grunn de na sgoiltean beaga.

Thuirt oifigich na comhairle gun toir seo piseach air conaltradh agus air a' chàirdeas le luchd-obrach is sgoilearan.

Thuirt iad cuideachd gu bheil coltas ann gum bi cosgais a bharrachd ann, timcheall air £400,000.

Cha tèid am poileasaidh a chur an sàs gus am bi a' Chomhairle air am buidseat aontachadh sa Ghearran 2016.

Cha bhiodh am poileasaidh ùr a' bualadh air àrd-sgoiltean aig an ìre seo is a' Chomhairle ag ràdh gun toir iad sùil eile air sin a-rithist.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile