Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sharm-el-Seikh

Tha Easyjet ag ràdh gun do chuir ùghdarrasan na h-Èipheit casg air cuid de na plèanaichean aca a bha an ìmpis Breatainn fhàgail airson a dhol a dh'iarraidh luchd-turais ann an Sharm-el-Seikh. A rèir choltais, cha leig ùghdarrasan na h-Èipheit a-steach ach na h-uidhir de phlèanaichean Breatannach an-diugh - a dhà bho Easyjet nam measg. Cuideachd, faodaidh dà phlèan a th' aig Easyjet mar thà air an talamh ann an Sharm-eil-Sheikh fàgail le luchd-turais. Tha luchd-naidheachd a' BhBC anns an Èipheit ag ràdh gu bheil cùisean gu math troimhe-chèile aig a' phort-adhar an sin 's gun cinnt aig daoine dè tha a' tachairt.

Corp

Chaidh casaidean muirt a chur air duine an dèidh mar a fhuaireadh corp ann an taigh ann am Mon Rois. Fhuair na poilis an corp Diciadain 's iad a' sireadh neach a bha a dhìth. Thuirt na poilis gu bheil fireannach, 39, a-nis fo chasaid, 's bidh e sa chùirt ann an Dùn Dè Diluain.

IS

Tha Rùnaire an Dìon, Mìcheal Fallon, dhen bheachd gum bu chòir do Bhreatainn barrachd a dhèanamh an aghaidh na buidhne IS ann an Siria. Thuirt e nach eil e moralta suidhe air ais 's a' leigeil le feadhainn eile a dhèanamh. Cumaidh e a' dol, thuirt e, a' cur a shùilean bhall-phàrlamaid gum biodh ionnsaighean-adhair Breatannach iomchaidh ann an Siria.

Earra-Ghàidheal

Iarraidh buill-pàrlamaid Earra-Ghàidheal air comhairle na sgìre sùil eile a thoirt air gearraidhean mòra a th' aca san amharc. Tha an triùir bhall-nàiseantach - Brianan Ó hEadhra aig Westminster, agus Mìcheal Ruiseal is Micheal MacChoinnich aig Holyrood - an dùil gun dèan na gearraidhean cus cron air seirbheisean dhan t-sluagh. Nan àite, tha iad ag iarraidh prìomh oifis na Comhairle ann an Ceann Loch Gilp - Caisteal Cille Mhoire - a reic.

Afghanistan

Thog na ficheadan fianais ann am prìomh bhaile Afghanistan, Kabul, an agaidh mar a chlachadh boireannach òg gu bàs airson adhaltranas a dhèanamh. B'e boireannaich a bh'anns a' chuid mhòr de na nochd a-mach. Bha iad ag èigheach an aghaidh nan Taleban agus an aghaidh an riaghaltais.

Banca Rìoghail na h-Alba

Tha Banca Rìoghail na h-Alba a' foillseachadh na banca-siubhail as ùire aca an-diugh ann am Moireibh. 'S e am Moray Rambler an t-ainm a bhios air a' bhan. Bidh i a' siubhal còrr air 300 mìle gach seachdain. Tha iad ga cur an-sàs an dèidh grunn bhancaichean san sgìre a dhùnadh. Ach tha cuid de mhuinntir an àite ag ràdh nach e banca-siubhail idir a' freagairt is nach eil e cho freagarrach ri na h-oifisean a bh' aca.

Meanbh-chuileagan

Thàinig an treas àl de mheanbh-chuileagan a-mach am bliadhna, leis cho blàth 's a tha am foghair air a bhith. Tha eòlaich ag ràdh gum faodadh sin a bhith a' ciallachadh gum bi tòrr a bharrachd de na creutaran mun cuairt an ath-bhliadhna. Cha robh uiread mheabh-chuilleagan mun cuairt na bu tràithe dhen t-Samhradh, ge-tà, air sgàth na droch shìde.