Dachaigh ùr do dh'ionad-slàinte Chille Chuimein

  • 4 An t-Samhain 2015
Ionad na slàinte ann an Cille Chuimein. Image copyright Scottish Fire & Rescue Service
Image caption Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air an togalach.

Chaidh dachaigh ùr eadar-amail a lorg dha ionad na slàinte ann an Cille Chuimein.

Rinn teine sgrios air an togalach air an 25mh den Dàmhair.

Thàinig luchd-smàlaidh às a' bhaile fhèin agus às Inbhir Nis, Foithear is Druim na Drochaid is thug e trì uairean a thìde dhaibh smachd fhaighinn air an teine.

Chaidh Mansa Eaglais na h-Alba sa bhaile a chur gu feum mar ionad eadar-amail bhon uairsin

Tha Bòrd-Slàinte na Gàidhealtachd a-nise air dearbhadh gum bi an t-seirbheis stèidhichte suas an staidhre ann an Ionad Telford sa bhaile.

Thug tè na dotairean, an Dr Jill Skeoch, taing mhòr dhan eaglais.

Thuirt i gu bheil iad air an dòigh gu bheil Ionad Telford aca a-nise.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile