Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Eadar-lìon

Dh' fhaodadh gum feum companaidhean eadar-lìon fiosrachadh a chumail mun luchd-cleachdaidh aca fad bliadhna - seo fon reachdas ùr a th' anns an amharc aig an Riaghaltas. Tha ministearan ag ràdh gu feumaiste an leithid a dhèanamh airson sluagh na dùthcha a dhìon agus smachd fhaighinn air ceannarc agus eucoraich eile. Tha iad a' gealtainn gum bi riaghailtean gu math teann co-cheangailte ris an data, ge-tà . Ach tha feadhainn a' càineadh nan laghan ùra.

Seirbheis-adhair

Thèid seirbheis-adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Port-adhair Heathrow ann an Lunnainn a thòiseachadh an ath-bhliadhna. Tòisichidh an t-seirbheis, a bhios British Airways a' ruith, anns a' Chèitean. Stad BA an t-seirbheis mu dheireadh a bh' acasan eadar an dà àite ann an 1997.

Eaconamaidh

Tha buidheann eòlaichean ag ràdh gum fàs eaconamaidh na h-Alba an ath-bhliadhna aig ìre tòrr nas slaodaiche na bhathar an dùil. Tha Institud Fraser of Allander ag ràdh gu bheil prìsean ìosal na h-ola, a bharrachd air nach deach uidhir de stuth a reic thall thairis, am measg rudan eile, air buaidh a thoirt air fàs agus gum bi a' bhuaidh sin ri fhaireachdainn an ath-bhliadhna cuideachd. Tha an aithisg ag ràdh gum faodadh a bhith a' gearradh cosgaisean poblach cron a dhèanamh air an eaconamaidh agus tha iad ag iarriadh air an t-seansalair beachdachadh a-rithist air gearraidhean ann an creideasan cìse. Thuirt an aithisg cuideachd gum bu chòir dhan Riaghaltas ann an Alba coimhead air dòighean gus piseach a thoirt air fàs anns an ùine fhada.

Rangers

Tha Roinn nan Cuspann 's nan Cìsean air an ath-thagradh aca an aghaidh Rangers a bhuannachadh. Bha a' chompanaidh a bha a' ruith a' chluba eadar 2001 agus 2010 a' ruith sgeama connspaideach a' tabhainn iasadan luach faisg air £50m do chuid a bha ag obair dhaibh - cluicheadairean nam measg. Bha seo tro urras sònraichte. Thàinig triùir mhorairean lagha chun cho-dhùnaidh gum bu chòir cìsean a phàigheadh air na suimean airgid a phàigh an cluba a-mach. Cha bhi buaidh sam bith aig an seo air a' chompanaidh a tha a-nise a' ruith cluba ball-coise Rangers ge-tà.

Romania

Tha Prìomhaire Romania, Victor Ponta, air a dhreuchd fhàgail an dèidh dhan t-sluagh fianais a thogail an aghaidh teine ann an club oidhche Dihaoine a mharbh còrr air 30 duine. Ann an craoladh beò air an telebhisein, thuirt Mgr Ponta gun robh e an dòchas gun sàsaicheadh seo feadhainn a bha ag iarraidh air falbh. Thuirt e gun tuiteadh an Riaghaltas cuideachd.

Inimirichean

Tha itealan le 30 duine air bòrd a tha a' sireadh comraich à Siria agus Irac air falbh à Baile na h-Àithne agus iad a' dèanamh air Luxembourg. Seo toiseach sgeama an Aonaidh Eòrpaich a tha ag amas air an àireamh de dh' inimirichean a tha a' feuchainn ri coiseachd neo siubhail air rèile tarsainn na Roinn Eòrpa a lùghdachadh.