Creag Dhùn Eun
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Mì-thoileachas mu Chreag Dhùn Eun

3 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha mì-thoileachas air taobh siar Inbhir Nis mun dòigh anns a bheil companaidh togail a' leasachadh thaighean san sgìre.

Chuir Robertson Homes iarrtas a-steach airson 50 taigh a togail air làraich leotha ri taobh seann Ospadal Chreag Dhn Eun.

Ach tha muinntir na sgìre ag ràdh gum bu chòir dhaibh an seann togalach a leasachadh an toiseach, mus fhaigh iad cead taighean eile a chur suas.