Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Tha comataidh de Bhuill-Phàrlamaid ag iarraidh air a' Phrìomhaire Dàibhidh Camshron planaichean airson bhòta anns na Cumantan air ionnsaighean adhair ann an Siria a leigeil seachad. Tha Comataidh nan Cùisean Cèine ag ràdh gu bheil sùil air ionnsaighean a thoirt a' toirt aire bho oidhirp dhioplòmasaich crìoch a thoirt air a' chogadh shìobhalta. Tha Sràid Dhowning a' dol às àicheadh gu bheil iad air a' phlana a leigeil seachad.

Serratia Marcescens

Tha naoidhean air bàsachadh aig an ospadal cloinne as ùire an Alba, às dèidh bacteria cunnartach a thogail a tha cuideachd air a thighinn air còignear phàistean eile ann. Chaochail am bèibidh aig Ospadal Rìoghail na Cloinne ann an Glaschu aig an deireadh-sheachdain bho serratia marcescens. Rugadh am bèibidh tràth, 's bha trioblaidean meidigeach eile aca. Tha seachdnar naoidhean eile a th' air an ospadal fhàgail cuideachd air a thogail. Thuirt am Bòrd Slàinte gu bheil pròiseas cuingealachaidh iomchaidh aca ann an àite.

Ceann a Tuath na Hearadh

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar ag ràdh gum bi an t-seirbheis aca taobh a-muigh uairean àbhaisteach ann an ceann a tuath na Hearadh seasmhach tron Gheamhradh. Tha dragh mòr anns an sgìre mun t-seirbheis, agus air a' mhìos a chaidh dh'aontaich am Bòrd Slàinte bileag fiosrachaidh a sgaoileadh mu dheidhinn. Ach aig coinneimh den Bhòrd an-dè thàinig e am follais nach deach na bileagan a chur a-mach fhathast.

Standard Chartered

Tha fear de na bancaichean as motha ann am Breatainn, Standard Chartered, a' gearradh 15,000 cosnadh air feadh an t-saoghail. Tha iad air call-airgid mòr fhoillseachadh airson a' chairteil mu dheireadh. 'S ann an Àisia a tha a' mhòr-chuid de dh'aire a' bhanca. An-diugh dh'fhoillsich iad call ro chìsean de chòrr air £90m airson an trì mìosan chun na Sultaine.

Cosgaisean Lìbhrigidh

Tha Riaghaltas na h-Alba a' feuchainn ri cuideam a bharrachd a chur air companaidhean lìbhrigidh sguir a chur chosgaisean a bharrachd an sàs air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan. Tha Ministear a' Ghnìomhachais, Fearghas Ewing, ag iarraidh air companaidhean ainm a chur ri sgeama riaghaltais a tha ag amas air cosgaisean ro àrd a sheachnadh, agus sgeamaichean prìse a dhèanamh soilleir.

Pistorius

Thòisich cùis anns a' Phrìomh Chùirt an Afraga a Deas feuch am bu chòir diteadh muirt seach marbhadh le coire a chur air Oscar Pistorius airson a leannan Reeva Steenkamp a mharbhadh. Chaidh an lùth-chleasaiche a leigeil a-mach às a' phrìosan air a' mhìos a chaidh, bliadhna a-steach chun a' bhinn còig bliadhna aige. Tha e an-dràsta fo ghrèim dachaigh. Ma thèid diteadh muirt a thoirt air dh'fhaodadh e a dhol air ais dhan phrìosan airson 15 bliadhna.

A' Ghearmailt

Tha poilis anns a' Ghearmailt air rèad a dhèanamh air àrd-oifisean Chomann Ball-Coise na dùthcha 's amharas ann gun deach cìsean a sheachnadh an co-cheangail ri mar a fhuair an dùthaich Cupa na Cruinne ann an 2006. Tha luchd-casaid ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh mar a chaidh cha-mhòr €7m a chur bhon bhuidhinn an DFB gu riaghladairean a' bhuill-choise FIFA.