Càineadh air-loidhne mu Ghaiseat Steòrnabhaigh

  • 3 An t-Samhain 2015
Togalach Gazette Steòrnabhaigh Image copyright Colin Smith/Geograph
Image caption Nochd na teachdaireachdan air na cunntasan Facebook agus Twitter aca Oidhche Luain.

Thuirt Johnston Press, leis a bheil Gaiseat Steòrnabhaigh, gun aithne dhaibh cò a sgrìobh teachdaireachdan air na cunntasan meadhanan-sòisealta aca a rinn càineadh làidir air luchd-stiùiridh a' phàipeir.

Nochd na teachdaireachdan air na cunntasan Facebook agus Twitter aca Oidhche Luain.

Bha iad a' càineadh mar a bha am paipear ga ruith, agus thuirt iad gur e paipear truagh a bh' ann.

Thuirt a' bhuidheann gur e cuideigin a tha ag obair dhaibh a bh' air cùlaibh na cùise, 's gu bheileas a' dèiligeadh ris an taobh a-staigh na buidhne fhèin.