Cuideam às ùr air companaidhean lìbhrigidh

  • 3 An t-Samhain 2015

Chuir Riaghaltas na h-Alba an tuilleadh chuideim air companaidhean lìbhrigidh gun a bhith a' peanasachadh luchd-ceannachd air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Tha Ministear a' Ghnothachais Fearghas Ewing a' cur ìmpidh air companaidhean an ainmean a chur ri còd ùr mu mhodhan-obrach.

Fhuair rannsachadh a rinneadh le Buidhinn Chomhairleachadh a' Phobaill an Alba gu bheil còrr air millean neach ann an coimhearsnachdan sa cheann a tuath a' pàigheadh phrìsean a tha mì-chothromach 'son chosgaisean lìbhrigidh.

Tha e coltach cuideachd gun deach na cosgaisean a bharrachd 'son rudan a cheannach air-loidhne suas 16% thairis air na trì bliadhna a dh'fhalbh.

Thuirt Mgr Ewing gum bu chòir do chompanaidhean a tha a' tabhainn sheirbheisean den t-seòrsa seo an ainmean a chur ri 'cùmhnant-phrionnsabalan' Riaghaltas na h-Alba, a tha ag amas air stad a chur air cosgaisean a bharrachd, am measg eile.

Thuirt e cuideachd gu bheil e ag obair air iomairt gus freagairtean seasmhach a lorg do choimhearsnachdan dùthchail air a bheil prìsean àrda a' toirt buaidh.