Tonnan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cothrom air a' ghriod nàiseanta

2 An t-Samhain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'iarr companaidh chumhachd choimhearsnachd ann an Leòdhas gun deidheadh an rum a bha air a chomharrachadh air a' ghriod nàiseanta do Aquamarine Power, a chuir ma seach airson pròiseactan cumhachd ath-nuadhachail coimhearsnachd.

Chaidh Aquamarine Power ann an làmhan luchd-rianachd an t-seachdain a chaidh.

Tha cead aca 40 megawatt do dhealan a chuir air a' chabal dhealain a thathas ag amas a chuir eadar na h-eileanan agus tìr mòr.

Tha Companaidh an Rudha 's Shanndabhaig airson 's gun tèid sin a thoirt dhan choimhearsnachd.

Seo Aonghas Dòmhnullach.