Ceann a' Ghiuthsaich an cunnart

  • 2 An t-Samhain 2015
Ball is caman

Tha Ceann a' Ghiuthsaich a-nise ag ullachadh airson geama-dearbhaidh gus an t-àite aca sa Phrìomh Lìog a chaomhnadh às dèidh dhaibh call 2-1 ri Camanachd an Obàin Disathairne.

Thòisich sgioba Bhàideanach gu math is bha iad air thoiseach aig lethach ùine le tadhal bho Ryan Borthwick.

Cha d'fhuair iad an tadhal a bharrachd a bhiodh air an geama a dhèanamh sàbhailte ge-tà, is abair gun do ghabh sgioba an Òbain brath air sin anns na mionaidean mu dheireadh.

Le 6 mionaidean air fhàgail chaidh Daniel Camshron a leagail san D is slaic-peanais ga thoirt dhan Òban.

Chuir Craig Dawson stad air an oidhirp aig Lorne Dickie ach bha Malcolm Clark ro luath is e a' slaiceadh a' bhuill an uairsin dhan lìon.

Trì mionaidean às dèidh sin, bha sgioba an Òbain air thoiseach, Aidan Mac an t-Saoir ga stiùireadh dhan lìon fhad 's a bha e a' tuiteam dhan talamh, ged a bha Ceann a' Ghiuthsaich a' gearan gun robh e mar thà air a ghluinean nuair a chuir e am ball a-staigh.

Iongantach

Cha robh sin gu diofar is an geama a' crìochnachadh 2-1 is Camanachd an Òbain sàbhailte sa Phrìomh Lìog 'son seusan eile, suidheachadh iongantach 'son sgioba a bh' ann an staing mhòr aig bonn na lìge bho chionn beagan sheachdainnean.

Feumaidh Ceann a' Ghiuthsaich a-nise deasachach 'son a' gheama-dearbhaidh sin an aghaidh Chill Mhàillidh, ged nach bi e ann gus am bi na geamaichean eile a tha air fhàgail sa Phrìomh Lìog seachad.

Bha Raghnall Ros air innse bho chionn cola-deug gun cluicheadh e sa gheama-dearbhaidh nan iarradh an cluba air, ach dh'fhaodadh gu bheil ceist ann mun sin cuideachd, is Raghnall a-nise ag ràdh nach deach an gnothach a dheasbad idir is nach eil e 'son dad a ràdh mu dheidhinn.

Bidh an geama-dearbhaidh eadar Ceann a' Ghiuthsaich is Cill Mhàillidh ann an 28mh den t-Samhain aig Pàirc a' Bhucht.

Tha e coltach gun do chuir an naidheachd às an Òban spionnadh a bharrachd sa phàrtaidh a bha a' dol Disathairne aig na nàbaidhean aca am Bail' Ùr an t-Slèibh.

Bha fios aig a' Bhail' Ùr mar-thà gun robh an tiotal aca is chaidh an duais a thoirt seachad às dèidh dhaibh soirbheachadh 4-1 an aghaidh Chaoil Bhòid.

Tha am Bail' Ùr a-nise air an lìog a bhuannachadh 6 bliadhnaichean an sreath. 'S e a' cheist am bidh na seann nàimhdean san lìog còmhla riutha an ath-bhliadhna nuair a dh'fheuchas iad 'son àireamh a 7.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile