Earrann den chàball ga h-iarraidh dhan choimhearsnachd

  • 2 An t-Samhain 2015
Tuath-gaoithe

Nochd beachd gum bu chòir pìos den chàball dealain a tha san amharc eadar na h-Eileanan Siar is Tìr-Mòr a chur mu seach gu sònraichte do phròiseictean ath-nuadhachail coimhearsnachd.

Thàinig am beachd bho chathraiche Companaidh Cumhachd an Rubha 's Shanndabhaig, aig a bheil an tuath-gaoithe coimhearsnachd as motha am Breatainn.

Dh'iarr Aonghas MacCarmaig gu sònraichte gun rachadh an rùm a bha ga chur mu seach air a' chàball do dh'Aquamarine Power a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd, is a' chompanaidh a-nis ann an làmhan an luchd-rianachd.

Bha 40MW air a' chàball gu bhith aig Aquamarine Power.

Thuirt Mgr MacCarmaig nach eil cus feum ann £750m a chosg air càball mura h-eil ach companaidhean mòra eadar-nàiseanta a' dol a dh'fhaighinn buannachd às.

Dh'iarr e gun dèan Riaghaltas na h-Alba is Comhairle nan Eilean Siar cinnteach gun tig buannachd dha na coimhearsnachdan is na sgeamaichean acasan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile