Luchd-siubhail suas 3.1% aig puirt-adhair HIAL

  • 29 An Dàmhair 2015
Port-adhair Inbhir Nis Image copyright Geograph/Dr Julian Paren

Chum àireamh an luchd-siubhail a chaidh tro Phuirt-adhair na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag èirigh sa chairteal mu dheireadh.

Eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain tha Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd snan Eilean, HIAL, ag ràdh gun do chlàr iad 12,522 luchd-siubhail a bharrachd.

Sin àrdachadh de 3.1% an taca ris an aon àm an-uiridh.

Ach thug crìonadh ann an roinn a' chumhachd buaidh air a' phort-adhair ann an Inbhir Ùige.

Thuit na h-àireamhan ann an sin faisg air 30%.

Bha crìonadh cuideachd aig na puirt-adhair ann an Steòrnabhagh, Circeabhal agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Bha an t-àrdachadh a bu mhotha aig Port-adhair Ìle.

Thuirt HIAL gun robh sin ri linn barrachd sheirbheisean coimearsalta agus prìobhaideach a bhith a' dol dhan eilean.

Chuir an t-seirbheis gu Baile Átha Cliath ris na h-àireamhan a chaidh tro Phort-adhair Inbhir Nis.