Dàil air plana coille a cheannach

  • 29 An Dàmhair 2015
Ratharsair Image copyright Geograph Anthony O'Neil

Chuirear dàil air plana mhuinntir Ratharsair coille an eilein a cheannach bho Choimisean na Coilltearachd an dèidh do ghalar sgapadh am measg nan craobhan.

Tha Phytophthora ramorum a' gluasad gu tuath tron Rìoghachd Aonaichte, agus b' fheudar na mìltean chraobhan a leagail mar thà ri linn.

An dèidh coinneimh leis a' Choimisean anns an eilean Diciadain thuirt Co-bhanntachd Leasachaidh Ratharsair gum biodh aca ri coimhead ris na planaichean aca às ùr.

Tha dragh air John Willie Mac'IllÌosa, a tha a' fuireach san eilean, gum faodadh an galar buaidh a thoirt air a' bheachd a th' aig daoine air an eilean.

"A' coimhead air a' choille bhon Eilean Sgitheanach, a' coimhead air a-null thar an uisge, mur a h-eil a' choille ann, tha e a' dol a dhèanamh diofair mhòir ann an Ratharsair," thuirt Mgr Mac'IllÌosa.