Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

VW

Bha call mòr air Volkswagen, a dh'fhoillsich figearan 'son a' chiad uair bho thàinig an sgaineal am follais air a' mhios seo chaidh mu bhith a' falach truailleadh nan càraichean aca. Bha call de dhà gu leth billion not air a' chompnaidh 's na trì mìosan dhan t-Sultain, a' chiad uair bho chionn còrr 's còig bliadhna deug a bha call orra ann an aon chairteal den bhliadhna.

Lloyds

Bha prothaid ro chìsean de naoi ceud, dà fhichead 's ochd deug million not aig Buidheann Banca Lloyds sna trì miosan dhan t-Sultain. Tha sin suas ochd thar fhichead às a' cheud air an aon àm an uiridh. Boinidh an còigeamh cuid de Lloyds dhan Riaghaltas.

EU

Ni Daibhidh Camhshron argamaid an-diugh an aghaidh na h-iomairt 'son Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach agus càirdeas nas sùbailte ris an EU a stèidheachadh air eisimpleir Nirribhidh. Tha am Prìomhaire ann an Innis Tìle an-diugh aig coinneimh cheannardan nan dùthchannan Eòrpach 's fhaide tuath. Canaidh e gu bheil Nirribhidh fhathast fo riaghailtean às a' Bhruiseil agus gu feum i gabhail ri luchd-imrich as an Aonadh Eòrpach.

MPA

Chaidh rabhadh do Riaghaltas na h-Alba gu bheil fianais bho air feadh an t-saoghail a' dearbhadh nach soirbhich sgìrean glèidhte aig muir far an teid an cuir an aghaidh toil an t-sluaigh. Thuirt an t-Àrd Ollamh Magnus Course, Àrd-òraidiche air Nadar Mhic an Duine aig Oilthigh Dhùn Èideann, gu bheil poileasaidh Riaghaltas na h-Alba, a thaobh sgìrean MPA, seann fhasanta agus gun spèis do chultar, canan, eaconomaidh, neo dòigh-beatha nan sgìrean cugallach air a' chost an iar agus anns na h-eileanan.

Nurs Ratharsair

Thèid sanas-obrach ùr a-mach air an ath mhìos 'son nurs do Ratharsair. 'S iad muinntir an eilein fhein a dh'ullaich an sanas ùr seo agus iad mì-thoiltiche nach do fhreagair duine a' chiad shanas a chuir NHS na Gàidhealtachd a-mach. Ach tha dragh ann fhathast mun t-seirbheis shlàinte taobh a-muigh uairean àbhaisteach gun nurs aca fhathast air an oidhche.

CalMac

Chuir Caledonain MacaBhriuthainn crìoch air plana son a h-uile bàta aca, aon deug thar fhichead dhiubh uile gu lèir, a chuir gu doc air a' gheamhradh seo. Thèid an Loch Seaforth dhan doc a-màireach agus bidh an Isle of Lewis agus am bàta-bathair aig Northlink, Hildesay, a' seoladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul dhan dàrna latha deug den ath mhìos. Agus dh'inns CalMac gu bheil maill an-diugh air an Isle of Arran, a bha fada gun falbh à Bagh a' Chaisteil. Sheòl i à Barraigh aig còig mionaidean gu naoi sa mhadainn agus tha dùil rithe anns an Oban aig còig mionaidhean an dèidh dhà feasgar.