Coilltean ùra air talamh croite

  • 27 An Dàmhair 2015
Coille

Tha Urras Choilltean na h-Alba agus Coimisean na Coilltearachd ag amas air 500 heactair de choilltean ùra a chur air talamh croite ron bhliadhna 2020.

Bidh iad, còmhla ri buidhnean coimhearsnachd, a' brosnachadh chroitearan a dhol an sàs agus tha iad a' tabhann comhairle agus taic an asgaidh mar phàirt den sgeama a chaidh a chur air bhonn Diluain.

"Tha dà sheòrsa cuideachaidh ann," thuirt Ruairidh Francis aig Urras nan Coilltean.

"Sa chiad àite 's urrainn dhuinn comhairle a thoirt. 'S urrainn dhuinn tighinn dhan chroit agus a dheasbad càite am b' urrainn croitearan craobhan a chur; dè seòrsa chraobhan 's dòcha; dè na buannachdan a thigeadh bho na craobhan; na cosgaisean agus na grantaichean a tha ri fhaighinn.

Targaid reusanta

"Agus an uair sin, ma tha an croitear ag iarraidh gluasad air adhart, 's urrainn dhuinn na foirmichean a lìonadh airson na grantaichean fhaighinn.

"Air a' cheann thall, feumaidh an croitear na craobhan a chur, no cuideigin a phàigheadh sin a dhèanamh.

"Ach 's urrainn dhuinn mòran a dhèanamh airson cuideachadh," thuirt e.

Tha an t-Urras an dùil gun gabh an targaid aca coileanadh air talamh croite.

"Mar bhuidhinn charthannais tha sinne ag iarraidh an uiread choilltean 's a ghabhas a chruthachadh," thuirt Mgr Francis.

"Ach tha sinne a' smaoineachadh gu bheil 500 heactair na thargaid reusanta.

"Ma tha na h-oifigearan againn trang, ma tha iad soirbheachail, bu chòir dhaibh 500 heactair de choilltean a chruthachadh - no cuideachadh ann a bhith gan cruthachadh sa chòig bliadhna ri thighinn," thuirt e.

Tha a' bhuidheann ga dhèanamh soilleir nach fhreagair a h-uile croit air craobhan - no craobhan air a h-uile croit. Tha suidheachadh na talmhainn, seòrsa na talmhainn agus eile, a' toirt buaidh air sin.

Oifigearan

"Ma tha mòine, 's dòcha, mòine dhomhain, cha bu chòir dhut - agus chan urrainn dhut, dha-rìribh - craobhan a chur," thuirt Mgr Francis.

"Ach tha croitear sam bith ag iarraidh an cuid talmhainn a chleachdadh cho èifeachdach 's a ghabhas, agus gu math tric bidh àiteachan ann nach eil freagarrach idir airson ionaltraidh, no airson glasraich fhàs.

"'S dòcha àiteachan beaga far a bheil caoraich a' dol an sàs sa pholl.

"Ann an àiteachan mar sin 's urrainn craobhan agus coilltean ùra mòran a dhèanamh airson rudan ùra a dhèanamh airson a' chroiteir," thuirt e.

Tha dùil gun tèid oifigear leasachaidh airson na sgeama seo fhastadh anns na h-Eileanan an iar ro dheireadh na bliadhna, agus tha planaichean ann airson oifigearan ann an Loch Abar agus Earra-Ghàidheal cuideachd.

"Tha sinn an dòchas gum bi na h-oifigearan sin trang, gum bi iad a' dol a-mach 's a' fàs eòlach air na croitearan, 's gan cuideachadh le coilltean a chruthachadh," thuirt Mgr Francis.

"Agus tha sinn an dòchas gum bi aon chroitear 's dòcha a' faicinn dè tha na nàbaidhean aca a' dèanamh agus a' smaoineachadh "'s dòcha gum b' urrainn dhomhsa rudeigin coltach a dhèanamh".

"Tha sinn an dòchas, às dèidh còig bliadhna, gum bi na h-oifigearan sin air diofar mòr a dhèanamh," thuirt e.