Coinneamhan mu bhuidseat CnES

  • 27 An Dàmhair 2015
Suaicheantas Comhairle nan Eilean Siar

Cumaidh Comhairle nan Eilean Siar sreath choinneamhan sna seachdainnean ri teachd airson beachdan a shireadh air buidseat an ùghdarrais.

Chaidh cuid dha na cinn-latha agus na h-àitichean far an tèid an cumail atharrachadh bho na chaidh an sanasachd roimhe.

Bi a' choinneamh ann an Steòrnabhagh a-nis ann an seòmar prìomh oifisean na comhairle agus chaidh coinneamh an Taobh Shiar a ghluasad gu Diluain an 16mh dhen t-Samhain.

Bi coinneamh Uibhist a Tuath a-nis ann an Sgoil Paibeil.

Tha na coinneamhan gan cuir air dòigh airson cothrom a thoirt dhan phoball beachd a thoirt air dè na seirbheisean a bu chòir prìomhachas fhaighinn.

Tha iad mar phàirt dhen ullachadh a tha a' chomhairle a' dèanamh air thoiseach air a bhith a' cur air adhart buidseat.

Bidh an t-ùghdarras cuideachd a' sireadh beachd an luchd-obrach mun chùis.