Còmhradh Facebook le Ceannard Comhairle

  • 27 An Dàmhair 2015
Prìomh-oifis Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Bidh Màiread Davidson air duilleag Facebook na comhairle eadar 5.30f agus 6.30f oidhche Luain

Tha Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Màiread Davidson, a' sireadh bheachd muinntir na sgìre air am bu chòir an casg air a bhith ag àrdachadh na cìse comhairle leantainn.

Tha an t-ùghdarras iondail ag iarraidh air daoine beachdan a thoirt air na 's urrainn dhan Chomhairle a dhèanamh airson airgead a shàbhaladh agus an teachd a-steach aca àrdachadh.

Thuirt oifigearan gur dòcha gum bi beàrn de £20M ann am buidseat na h-ath-bhliadhna.

Bho 2007 tha sgeama brosnachaidh - le peanasan - air a bhith aig Riaghaltas na h-Alba airson toirt air ùghdarrasan ionadail a' chìs chomhairle a chumail aig an aon ìre.

Conaltradh sòisealta

Thuirt an Comh. Màiread Davidson gum bi i air duilleag Facebook oidhche Luain airson faighinn a-mach a bheil daoine ag iarraidh atharrachaidh ann am poileasaidh.

"Seo a' chiad turas a tha mi air an t-seòrsa còmhraidh seo a dhèanamh air Facebook.

"Tha seo mar phàirt de cho-luadar a tha sinn a' dèanamh air a' bhuidseat.

"Tha an oifis chonaltraidh againn air còmhraidhean a chumail roimhe air sreath chuspairean, mar eisimpleir rinn iad fear air taigheadas agus bha còrr is 600 duine an sàs sa chòmhradh sin."

Bu chaomh leam beachdan dhaoine a chluinntinn air dè a bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh an ath-bhliadhna, oir tha cùisean a thaobh a' bhuidseit gu bhith mu math dùbhlanach," thuirt Ms Davidson.

Càineadh

Tha seo a' tighinn aig an aon àm 's a tha càineadh ga dhèanamh air Comhairle na Gàidhealtachd airson a bhith a' cosg mu £1,000 san là air càraichean màil 'son oifigearan.

Tha figearan ùra a' sealltainn gun deach £363,000 a chosg air a bhith a' faighinn chàraichean air màl agus air cosgaisean connaidh airson nan càraichean sin sa bhliadhna-ionmhais mu dheireadh.

Thuirt BPA sgìre na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Iain Finnie, gur e airgead gun chiall a tha sin.

"Thathas air a bhith a' toirt rabhaidh dhan phoball gur dòcha gum feum gearraidhean mòra a bhith air an dèanamh sa bhuidseat, agus bidh iad air an uabhasachadh leis an t-suim airgid seo.

"Tha dòighean obrach eile a ghabhas cur an sàs.

"Bu chòir barrachd cuideim a bhith air a chur air còmhdhail phoblaich.

"Carson nach tèid oifigearan air a' bhus nuair a tha iad a' dèanamh obair san roinn phoblaich?

"Bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' dèanamh barrachd feum de ghoireasan conaltradh bhideo," thuirt Mgr Finnie.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu robh iad a' dèiligeadh ri sgìre fìor mhòr, ach gu robh iad daonan a' feuchainn ri teicneòlas a chleachdadh son obair oifigearan a dhèanamh nas èifeachdaiche.