Ceist mu chosgaisean luchd-obrach aig Comhairle na Gàidhealtachd

  • 23 An Dàmhair 2015

Thog ceannardan aonaidhean ceistean mu na tha Comhairle na Gàidhealtachd a' cosg air luchd-obrach eadar-amail bho chompanaidhean prìobhaideach, is e an dèidh thighinn a-mach gun chosg iad £2.5m orra an-uiridh.

Thuirt Neach-labhairt Unison air a' Ghàidhealtachd, John Gibson, gu bheil na h-àireamhan a' dearbhadh gu bheil trioblaid mhòr aig a' chomhairle le luchd-obrach.

Gearraidhean

Bha e ag ràdh: "Tha a' chomhairle a' coimhead ri ciamar a shàbhalas iad £21m an ath-bhliadhna, agus mar phàirt dhen sin gearraidh iad luchd-obrach.

"Mar sin, ma dh'fheumas obair a bhith air a dhèanamh an-dràsta, 's e cùmhantan eadar-amail a bheir iad seachad."

Ach, bha e ag ràdh gum bi luchd-obrach eadar-amail bho chompanaidhean prìobhaideach nas cosgaile anns an ùine-fhada.

Làn-ùine

Bha e ag ràdh gu bheil cùmhantan làn-ùine nas fheàrr dhan chomhairle agus dhan luchd-obrach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach bi iad a' cleachdadh luchd-obrach eadar-amail bho chompanaidhean prìobhaideach mur a h-eil e deatamach sin a dhèanamh, mar eisimpleir nuair a tha daoine dheth airson ùine ghoirid no nuair a dh'fheumas iad seirbheisean, mar seirbheis nam binichean no cùram sòisealta, a chumail aig ìre.