Dròn air Traigh a' Bhaile Shear

  • 22 An Dàmhair 2015
Dròn Image copyright HM Coastguard

Chaidh iarraidh air daoine gun a dhol faisg air rudan annasach a tha a' tighinn air tìr ann an Uibhist às dèidh mar a chaidh dròn a lorg madainn Diardaoin.

Chaidh seirbheis nam Maor-Cladaich a ghairm gu Tràigh a' Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath aig 10:00m, 's chaidh a dhearbhadh gur e dròn Mirach 100/5 a bha air tighinn air tìr.

Bha an dròn mu cheithir meatairean de dh'fhaid, agus chaidh a thoirt air falbh le sgioba bho Raon Rocaidean Innse Gall.

Dh'iarr na Maoir-Chladaich air a' phoball, fios a chur thucasan ma chì iad rudan mar seo 's gun a dhol faisg orra.