Ceist mu làrach ùr Chàball a' Chuain Sgìth

  • 22 An Dàmhair 2015
Càball air gunnd na mara

Tha ceist ann mun làraich air am bheil Scottish and Southern Energy a' coimhead 'son stèisean a thogail tro am biodh dealan às na h-Eileanan Siar a' dol gu Tìr-Mòr.

Tha a' chompanaidh a-niste a' coimhead air làraich ann an Àranais, seach Grabhair air na Lochan far an robh iad an dùil a thogail roimhe.

Ach chaidh làrach Àranais a chomharrachadh mar thà 'son gnìomhachas co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail.

Tha SSE a' dèanamh conaltraidh air a' chùis, agus an sgeama gu lèir a' crochadh air an tig airgead bhon Riaghaltas 'son Càball a' Chuain Sgìth, a bheir an dealan gu Tìr-Mòr.

Nuair a fhuair SSE cead airson an ionad a thogail ann an Grabhair, bha dùil ri leasachadh mòr gaoithe air na Lochan.

Ged a dh'fhaodadh sin fhathast tachairt, tha ceistean ann mu dheidhinn, agus coltas nas cinntiche aig an ìre seo air leasachadh ann an ceann a tuath Leòdhais - sgìre nach biodh goireasach do Ghrabhair mar cheann a' chàbaill.

Tha gnìomhachas mòr co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail agus gnìomhachas na h-ola stèidhichte ann an Àranais mar thà, agus tha Àranais nas fhaisge air ceann a tuath Leòdhais far a bheil dùil a-niste ri leaschaidhean ath-nuadhachail.

Tha ceist ann ge-tà, leis gum biodh an gluasad a' ciallachadh gum feumte atharrachadh a thoirt air planaichean a th' ann mar thà airson an làrach a chleachdadh.

Bho chionn dà bhliadhna chosg Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) na milleanan notaichean a' deasachadh làraich far an robh dùil gun deadh gnìomhachasan eile co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail a stèidheachadh.

Thug iad air falbh cnoc, agus tha làrach fharsainn, chòmhnard ann a-niste.

Ach chan eil càil air tachairt a thaobh an làrach sin a lìonadh.

Aig an ìre seo tha SSE an dùil, ma thèid a h-uile càil leotha, gun tòisich obair air a' chàball fhèin ann an 2017, agus e a' ruith à Àranais gu ruige àite air Tìr-Mòr faisg air Ulapul.

Tha iad cuideachd air innse gur e càball 600 MW a dh'fheumadh a bhith ann, seach an 450MW ris an robh dùil thuige seo, ri linn an iarrtais a th' air nochadh.