Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00

22 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seirbheis na Slàinte

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gum feum atharrachadh gu math nas luaithe tighinn air an NHS ann an Alba. Thuirt an aithisg nach do ràinig an NHS seachd de na naoi amasan a chur iad romhpa agus gu bheil trioblaid le cion luchd-obrach a 's fhìor fhàs nas miosa. Ghabh Riaghaltas na h-Alba ris an aithisg, ach thuirt iad gu bheil ùine feitheamh aig an ìre as giorra a-riamh agus gu bheil seirbhis slàinte na h-Alba air seirbhis cho math sa th' ann.

An Clutha

Tha feadhainn a chaill càirdean ann an tubaist heileacoptair Taigh-seinnse a' Chlutha ann an Glaschu ag ràdh gu bheil aithisg Mheur Rannsachaidh nan Tubaisdean Adhair a' fagail mòran cheistean gun fhreagairt. Chaidh deichnear a mharbhadh nuair a thàinig an heileacoptair poilis a-nuas air mullach an togalaich anns an t-Samhainn, 2013. Tha tuilleadh dhe na càirdean a' faicinn na h-aithisg an-diugh mus tèid a foillseachadh gu h-oifigeil am màireach.

Bancaichean

Chan eil farpais gu leòr airson luchd-cleachdaidh eadar na ceithir bancaichean as motha a-reir aithisg ùir. Tha Ùghdarras na Farpais agus Margaidh ag ràdh gu bheil an seòrsa cunntas a tha na banaichean a' tabhann a' cur bacadh air dhaoine bho bhith a' gluasad gu banca eile.

EVEL

Bidh deasbad ann an Taigh nan Cumantan feasgar air molaidhean connspaideach an riaghaltais airson bhòtaichean Sasannach airson laghan Sasannach. Tha dragh air cuid gun cuireadh sin bacadh air buill Albannach agus Cuimreach ann an Westminster bho bhith bhòtadh air cùisean nach buin ach do Shasainn.

Barraigh

Tha luchd-gnothaich agus riochdairean coimhearsnachd am Barraigh a' gearain uair eile air na laimrigean san Àird Mhòir ann am Barraigh agus ann an Èirisgeidh. Tha iad ag iarraidh leasachadh orra agus iad ag ràdh nach urrainn na làraidhean agus busaichean as motha a dhol air aiseig Chaolais Bharraigh.

Stèisean càbaill

Tha ceist ann mun làrach air am bheil SSE a' coimhead airson stèisean a thogail trom biodh dealan às na h-eileanan a' dol gu tìr-mòr. Tha iad a-nis a' coimhead air làrach ann an Àranais, seach Grabhair anns na Lochan. Ach chaidh làrach Àranais a chomharrachadh mu thràth airson gnìomhachas co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail. Tha SSE a' dèanamh conaltradh air a' chùis, agus an sgeama gu lèir an crochadh air an tig airgead bhon riaghaltas aison càball ùr eadar na h-eileanan agus tìr-mòr.