Aithisg chonaltraidh gus nochdadh mu Bhun-sgoil Inbhir Àsdail

  • 20 An Dàmhair 2015
Bun-sgoil Inbhir Àsdail Image copyright Roger McLachlan/Geograph

Foillsichidh Comhairle na Gàidhealtachd aithisg chonaltraidh Dimàirt air planaichean gus Bun-sgoil Inbhir Àsdail air Taobh Siar Rois a dhùnadh.

Bhathas airson clann na sgoile a ghluasad gu Poll Iùbh, còig mìle air falbh, 's dùil nach bi càil a bharrachd air còignear ann an Sgoil Inbhir Àsdail gu co-dhiù 2018.

Tha pàrantan air a bhith a' cur an aghaidh sin, ge-tà.

Bidh cothrom ann fhathast beachd a nochdadh air an aithisg, le dùil ri co-dhùnadh deireannach air an ath-mhìos.