Am Pàrtaidh Ùr

  • 16 An Dàmhair 2015

Nuair a chuireas tu seachad beagan bhliadhnaichean ag aithris às na co-labhairtean poileataigeach, fàsaidh tu eòlach air na daoine a bhios a' dol ann.

Gach bliadhna, chì thu na dearbh dhaoine a thig air ais airson a bhith an sàs anns an deasbad, tro na bliadhnaichean torach agus na bliadhnaichean bàn.

Ach ann an Obar Dheathain an t-seachdain-sa, is tearc dhà-rìribh na daoine a dh'aithnichinn idir.

Sin air sgàth 's gu bheil a' chuid as motha de bhuill an SNP air a bhith anns a' phàrtaidh fad bliadhna a-mhàin, no fiù 's nas lugha na sin.

Air latha an reifrinn an-uiridh bha mu 25,000 ball aig an SNP - a-nis tha nas motha na 114,000.

Gu ìre mhòir, mar sin, 's e pàrtaidh ùr a tha anns an SNP a-nis, rud a dh'fheumadh buaidh a thoirt orra.

Cùrsa

Don fheadhainn a leanas saoghal poileataigeach na h-Alba tha ceist air a bhith ann air fàs mòr an SNP anns a' bhliadhna a dh'fhalbh.

Dè cho mòr is a bhitheadh a' bhuaidh sin? Am deigheadh na buill ùra an sàs ann an gnothaichean a' phàrtaidh? Am bitheadh iad deònach an cùrsa air an robh an SNP a leantainn, no am feuchadh iad ri atharrachadh?

Air fianais an latha an-diugh, tha na freagairtean a' coimhead gu math soilleir.

Tha iad ann. Tha iad airson labhairt seach a bhith ag èisteachd a-mhàin. Agus nuair a labhras iad tha iad a' cantainn gur e cùrsa nas radagaiche a tha iad ag iarraidh.

Chunnaic sinn sin anns an dà dheasbad a bha ann air a' mhadainn, air fracadh agus air ath-leasachadh an fhearainn far an robh an dà bhòt cho faisg is a b'fheudar do na clèirich na càirtean a chunntadh air gach taobh.

Air fracadh, chuir iad taic ri poileasaidh an riaghaltais, ged a bha e faisg. Ach air ath-leasachadh an fhearainn, rinn ballrachd an SNP a' chùis air an riaghaltas aca fhèin.

Radagach

Is e am ministear leis an dleastanas airson a' bhile air ath-leasachadh lagh an fhearainn, Aileen NicLeòid, a chuir a h-ainm ris an rùn a shir taic na co-labhairt airson reachdas an riaghaltais.

Ach dh'innis am pàrtaidh dhi nach robh iad deònach sin a dhèanamh.

Chaidh an rùn a chaitheamh a-mach - no a chur air ais airson barrachd sgrùdaidh ann an cainnt na co-labhairt - agus mòrchuid dhe na bha an làthair ag iarraidh bile na bu radagaiche, a bheireadh cothrom do thuathanaich fearann air mall a cheannachd agus a dhèanadh e na b'fhasa faicinn cò bu leis an fhearainn.

Air fracadh cuideachd, bha tòrr dhaoine anns an talla airson casg làn maireannach iarraidh an àite a' chaisg rè-ùine a leudaich an riaghaltas o chionn goirid.

Cha deach leotha. Ach nochd gun robh meur Lìte - a chuir an rùn air adhart air fracadh - airson casg làn a mholadh ach gun deach sin a dhiùltadh le SOAC, a' chomataidh chumhachdail a chumas smachd air a' chlàr-obrach.

Chaill iad an smachd sin an-diugh.

Stiùireadh

Dh'fhàs sinn cleachdte ri SNP a chuireadh taic ri gach rùn gun deasbad, a bha deònach - ach a-mhàin anns an trot mhòr mu bhallrachd Nato - ceannardan a' phàrtaidh a leantainn air cùrsa sam bith.

Ach tha e soilleir gun deach buill ùra a' phàrtaidh an sàs air sgàth 's gun robh iad ag iarraidh a bhith an sàs agus buaidh a thoirt air polasaidh seach a bhith ag èisteachd ri luchd nam pàrlamaid ag innse dhaibh mu na tha iad a' dèanamh dhaibh.

B'fheàrr le luchd a' phàrtaidh ùir seo rudan a dhèanamh dhaibh fhèin.

Ged a bha e a' dìon seasamh an riaghaltais, chuir Tommy Sheppard BP gu math e nuair a thuirt e gum b' e seo co-labhairt Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba seach co-labhairt Riaghaltas na h-Alba.

Is i Nicola Sturgeon ceannard an dà bhuidhne agus is i a dh'fheumas an stiùireadh don taghadh anns a' Chèitean agus 's dòcha do bhòt eile air prìomh amas a' phàrtaidh, sean agus ùr.

Chì sinn a dh'aithghearr ciamar a thèid dhi.