Buinn Òra a' dol a Ghlaschu

  • 14 An Dàmhair 2015
Bonn Òr

Bidh Buinn Òra a' Chomuinn Ghàidhealaich a' dèanamh air Glaschu is dithis a tha a' fuireach sa bhaile air soirbheachadh aig a' Mhòd oidhche Chiadain.

'S i Catrìona NicNèill à Cnoc Iòrdain, is aig a bheil ceangal cuideachd ri Barraigh, a bhuannaich farpais nam ban.

'S e Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn a bhuannaich bonn òir nam fear.

Tha Dòmhnall Iain cuideachd a' fuireach ann an Glaschu, ged 's ann à Tiriodh a tha e bho thùs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile