Foghlam fon phrosbaig aig a' Mhòd

  • 13 An Dàmhair 2015
Seòmar-teagaisg

Bu chòir do dh'fhoghlam Ghàidhlig a bhith cho coileanta ri foghlam tro mheadhan na Beurla, am beachd a' Chomuinn Ghàidhealaich.

Thuirt Ceann-Suidhe a' Chomuinn nach eil ìre dealbhachaidh foghlaim ceart fhathast sa Ghàidhlig.

Tha Iain Macleòid ag ràdh gu bheil feum air tidsearan, luchd-taic, goireasan 's eile a tha an cois làn-sheirbheis foghlaim.

Bidh Bile Foghlaim ùr an Riaghaltais, agus am buntainneas aige dhan chànan, fon phrosbaig aig cruinneachadh san Òban Dimàirt.

Comasach

"Nuair a thig àireamhan a-steach do Chlas 1 sa bhun-sgoil, tha dùil gum biodh iad a' feumachdainn foghlaim àrd-sgoile an ceann seachd bliadhna," thuirt Mgr MacLeòid.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil an ìre de dhealbhachadh foghlaim ceart againn fhathast.

"Dh'ainmich mi gu bheil 30 bliadhna bho thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha mi an dòchas nach bi e 30 bliadhna eile mus bi seirbheis foghlaim coileanta againn.

"Tha fhios gum biodh cosgaisean na chois - ach bu chòir ullachadh a bhith ann air a shon.

"Tha feum againn air tidsearan. Tha feum againn air luchd-taic is goireasan, 's a h-uile seòrsa rud a tha an cois làn-sheirbheis foghlaim mar a th' againn sa Bheurla.

"Tha e comasach atharrachadh fhaighinn air sin. 'S urrainn dhuinn daoine a thrèanadh, 's urrainn dhuinn faighinn a-mach a bheil daoine aig nach eil misneachd gu leòr airson a dhol a theagaisg 's cuideachadh a thoirt dhaibh.

"Tha fhios againn gu bheil iomadach tidsear ann an siostam foghlaim na Beurla aig a bheil Gàidhlig, agus 's dòcha gur e dìreach dìth-misneachd a tha a' fàgail nach eil iad deònach a dhol a theagaisg anns a' Ghàidhlig.

"Tha iomadach rud as urrainn dhuinn a dhèanamh. Agus nuair a chailleas na bailtean mòra obraichean mòra - can gu bheil ceud duine a' dol a chall an cuid obrach - dè nì an Riaghaltas?

"Stèidhichidh iad buidheann-ghnìomha, 's cuiridh iad airgead na cois, gus dèanamh cinnteach gum faigh na daoine sin obair eile.

"Nise, tha e comasach rudan a dhèanamh, agus chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil sinn air gu leòr a dhèanamh airson na h-amasan againn a thaobh ar cànain ann am foghlam a thoirt gu buil," thuirt e.