Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Stàit Ioslamach

Thuirt Prìomhaire na Tuirce gu bheil e a' creidsinn gur iad an Stàit Ioslamach a bh' air cùlaibh nan spreadhaidhean aig caismeachd sìthe ann am prìomh bhaile na Tuirce Disathairne. Tha brataichean aig leth-chrann air feadh na dùthcha mar chuimhne air na dusanan de dhaoine a chaidh a mharbhadh anns an dà ionnsaigh fèin-mhairbhtich ann an Ankara.

An t-Aonadh Eòrpach

Thèid an iomairt airson Breatainn a chumail anns an Aonadh Eòrpach a stèidheachadh gu foirmeil an-diugh. 'S e am Morair Rose, a bha roimhe na cheannard air bùth Marks and Spencer, a bhios os a cionn. Tha esan ag ràdh nach fhiach an cunnart a thig an lùib a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Innsidh e an-diugh cò eile a bhios an sàs anns an iomairt oifigeil, agus dùil ri referendum air fuireach anns an AE, no fàgail, ro dheireadh 2017.

Fògarraich

Chuir còrr agus 300 luchd-lagha agus britheamhan cliùiteach an ainmean ri litir a tha a' dèanamh càineadh air an dòigh sa bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dèiligeadh ri suidheachadh èiginneach nan eilthireach thairis air na mìosan a dh'fhalbh. Thuirt a' bhuidheann gu bheil daoine le còir moralta air taic gam fàgail an urra ri eucoirich, agus gu bheil an tagradh gus taic a thoirt do 20,000 thairis air còig bliadhna ro ìosal agus ro shlaodach.

Muile

Chruinnich na ceudan de dhaoine ann am Muile an-dè airson luaidh a dhèanamh air fear a chaochail ann an ralaidh air an eilean air an deireadh-sheachdain. Chaidh Andy Mort, a bha 47, a marbhadh, agus bha an duine a bha a' dràibheadh a' chàr, Iain McCrone, air a ghoiteachadh, agus iad an sàs anns an ralaidh Disathairne. Bha an dithis le chèile a' fuireach san eilean.

Maoineachadh a' Mhòid

Thya an Comunn Gàidhealach ag ràdh gur e faochadh a th' ann dhaibh gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn air taic a ghealltainn airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna fiù 's ged a chailleadh iad cùmhnant seirbheisean aiseig a' chosta an iar. Thuirt Àrd-Oifigear Cal Mac, Màrtainn Dorchester, gun robh iad air £25,000 a chomharrachadh airson Mòd nan Eilean Siar airson cothrom a thoirt dhan Chomunn taic eile a shireadh nam biodh sin a dhìth.