Cal Mac a' gealltainn taic don Mhòd

  • 12 An Dàmhair 2015
Bàt-aiseig

Tha an Comunn Gàidhealach ag ràdh gur e faochadh a th' ann dhaibh gu bheil Caledonian Mac a' Bhriuthainn air taic a ghealltainn airson a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail an ath-bhliadhna, ged a chailleadh iad cùmhnant seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar.

Thuirt Àrd-oifigear Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gun robh iad air £25,000 a chomharrachadh airson Mòd nan Eilean Siar gus cothrom a thoirt don Chomunn taic eile a shireadh nam biodh sin a dhìth.

"'S e faochadh a th' ann dhuinne, bhon bha mì-chinnt ann, gu cinnteach, mu dheidhinn na h-ath-bhliadhna," thuirt Ceann-Suidhe a' Chomuinn, Iain MacLeòid.

"Thug iad dhuinn gealltanas gun leanadh iad leis an cuid taice an ath-bhliadhna co-dhiù, ge b' i dè mar a thèid dhaibh.

"Às aonais na taice sin, tha mi cinnteach gum feumadh sinn buidheann-taice eile a lorg, agus chan eil sin furasta.

"No dh'fheumadh sinn maoineachadh fhaighinn bho raon air choireigin eile san eadar-ama.

"Ach chan eil againn ri sin a dhèanamh co-dhiù an ath-bhliadhna," thuirt e.