Cupa a' Mhòid le sgioba an Òbain

  • 11 An Dàmhair 2015
Am Mòd
Image caption Tha Mòd na bliadhna seo san Òban is 's e tè de sgiobaidhean a' bhaile a bhuannaich farpais iomain a' Mhòid Disathairne.

Bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa a' Mhòid air slaicean-peanais an aghaidh Ghlinne Urchadain.

Bha na sgiobaidhean a' cluich geama lìge co-dhuibh, geama a chrìochnaich 3-3 às dèidh do dh'Aiden Mac an t-Saoir tadhal a chur às leth an Òbain anns na buillean mu dheireadh.

Thug sin puing chudromach dhan Òban san lìog is thog iad an uairsin farpais a' Mhòid air na slaicean-peanais.

B'e a' phuing sin aig sgioba an Òbain a chuir Inbhir Aora sìos bhon Phrìomh Lìog, a dh'aindeoin is gun do rinn iad an gnothach 4-3 air Ceann Loch Seile Disathairne.

Aig mullach na lìge, cha-mhòr nach eil e cinnteach a-nise gun tog Bail' Ùr an t-Slèibh a' Phrìomh Lìog a-rithist.

Image copyright Eile
Image caption Rinn balaich na h-Alba an gnothach air Èirinn an Iomain Cholmcille

Rinn am Bail' Ùr an gnothach 7-0 air a' Ghearasdan, fhad 's a bha Caol Bhòid a' call 4-0 ri Lòbhat.

Nì 1 phuing bho na 3 geamaichean a tha air fhàgail aca a' chùis dhan Bhail' Ùr.

Ann an Dùn nan Gall bhuannaich fir na h-Alba Iomain Cholmcille an aghaidh na h-Èireann.

B'e 21-19 a bh'ann dha na balaich aig Eòghan Stiùbhairt.

Cha deach cùisean buileach cho math dha boireannaich na h-Alba, a bha a' cluich san fharpais 'son a' chiad uair.

Shoirbhich le Èirinn 27-3 sa gheama sin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile