"Dìth mhisneachd" an cnap-stara mòr

  • 10 An Dàmhair 2015
Mòd an Òbain
Image caption 'S ann anns an Òban a tha Mòd na bliadhna-sa ga chumail

'S e dìth mhisneachd a-measg nan Gàidheal fhèin mun chànan am prìomh dhùbhlan a tha mu choinneamh na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chainnt làitheil.

B' e sin an teachdaireachd a bh' aig Ceann Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich aig cuirm fosglaidh a' Mhòid anns an Òban.

Thuirt Iain MacLeòid cuideachd gum feum buidhnean prìobhaideach a bhith air am brosnachadh gus a dhol an sàs nas doimhne ann am fàs na Gàidhlig.

Chruinnich mu 400 duine ann an Tallaichean a' Chorrain oidhche Haoine airson an 122mh Mòd fhosgladh gu h-oifigeil.

'S e an 16mh turas a tha an fhèis Ghàidhlig as motha air a bhith san Oban.

"Dìth mhisneachd"

Bhruidhinn Mgr MacLeòid air an taic phoblach a tha ri fhaotainn airson sgoiltean Gàidhlig agus seirbheisean rèidio agus telebhisein Gàidhlig.

Ged a dh'iarradh e tuilleadh adhartais agus leasachaidh air na seirbheisean sin gu lèir, thuirt e gu feum cleachdadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd ann an gnìomhachd shòisealta, cur-seachadan agus creideamh a bhith air a bhrosnachadh.

Ach thuirt e gur dòcha gur e dìth mhisneachd agus dìth chreideis ann an luach na Gàidhlig mar chànan làitheil an dùbhlan as motha a thaobh glèidheadh a' chànain.

"Tha mi an dòchas nach bidh e fada gus am faigh sinn seachad air an seo mar a dh'fhàsas luchd-labhairt òga misneachail na Gàidhlig gu bhith nan inbhich a' bruidhinn na Gàidhlig le misneachd.

"Feuch an toir sibh taic agus tuilleadh misneachd dhaibh," thuirt Mgr MacLeòid.

Roinn phrìobhaideach

Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil rannsachaidhean air sealltainn gu bheil tasgadh sa Gàidhlig a' toirt buaidh adhartach air foghlam, an eaconamaidh agus air dearbh aithne nàiseanta.

Ged nach eil e na dhleastanas aig buidhnean malairt planaichean Gàidhlig a chuir an sàs, thuirt Mgr MacLeòid gum faodadh an roinn phrìobhaideach planaichean a chuir an sàs air an ceann fhèin.

"Dh'fhaodadh buidhnean malairt, ged nach fheum iad fon lagh, eisimpleir Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a leantainn agus gu saor-thoileach Plana Gàidhlig ullachadh agus a chuir an gnìomh gus taic a chumail ris a' chànan," thuirt Mgr MacLeòid.

"Gluaisibh air adhart"

Thug Mgr MacLeòid slaic air aithrisean sna meadhanan a tha a càineadh na h-ìre de dh'airgead a tha ga chosg air leasachadh na Gàidhlig.

"'S e a chanainn-sa ris an fheadhainn sin a tha a' cuir sìos air ceumannan reusanta gus ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba a neartachadh "Gluaisibh air adhart! Chan eil a' Ghàidhlig gu bhith a' falbh idir! Tha a' Ghàidhlig na seud luachmhor ann an dualchas na h-Alba agus leanaidh sin san àm ri teachd!"

Thuirt Mgr MacLeòid gur ann air "taobh a-muigh an fhìor shaoghal ioma-chànanach" a tha daoine a bhios ag ràdh nach robh Gàidhlig ga bruidhinn sna sgìrean aca.

Le Riaghaltas na h-Alba an-dràsta a' sireadh bheachd air Bile an Fhoghlaim chuir Mgr MacLeòid ìmpidh air an luchd-èisteachd an cothrom a ghabhail a dhol an sàs sa cho-chomhairle aig a' Mhòd.

Bidh riochdairean an Riaghaltais aig a' Mhòd Dimàirt a' mìneachadh nam planaichean aca.

"Thathas ag aithneachadh, mar a tha rannsachadh a' dearbhadh dhuinn, gu bheil dà-chànanas mar aon de na dòighean as fheàrr air fìor choileanadh ann am foghlam don chloinn againn agus feumaidh sinn nas urrainn dhuinn a dhèanamh gus na tha againn a leasachadh, gu sònraichte ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, gus am bi siostam foghlaim Gàidhlig coileanta ri fhaighinn bho ìre ro-sgoile àraich suas gu deireadh na h-ard-sgoile, ge bith dè cho fada 's a bheir sin a thighinn gu buil, " thuirt Mgr MacLeòid.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile