Faclan agus Gnìomhan

  • 8 An Dàmhair 2015

Cha robh dùil aig Dàibhidh Camshron gum biodh cothrom aige òraid mar seo a thoirt seachad.

Ron taghadh anns a' Chèitean, bha dùil aig a h-uile duine gur e pàrlamaid chrochte eile a bhiodh ann, agus nam bitheadh Mgr Camshron fhathast aig Àireamh a Deich, gur ann mar cheannard co-bhanntachd eile, no riaghaltas le beagchuid a bhitheadh e.

Ach bha iad - bha sinne - uile ceàrr.

As aonais cnap-starra nan Lib Deamach, bha saorsa aig Mgr Camshron fìor òraid Thòraidheach a thoirt seachad, rudeigin a chòrdadh gu mòr ris an fheadhainn a bha an làthair aig a' cho-labhairt ann am Manchester.

Bha am pàrtaidh air a bhith a' feitheamh airson seo o thàinig riaghaltas John Major gu crìch ann an 1997.

Ach, air adhbhar air choireigin, cha do ghabh am prìomhaire an cothrom.

Eadar-dhealaichte

An àite sin, chuala sinn an òraid a bha Mgr Camshron airson a thoirt seachad a-riamh.

Chuir e seachad tòrr dhith a' bruidhinn mu chuspairean air nach chuala sinn ceannardan Tòraidheach gu tric roimhe.

Bochdainn. Òigridh fo chùram na stàite. Cothrom na Fèine do dhaoine dubha, Muslamaich agus daoine gèidh. Fiù 's taic do phrìosanaich àite fhaighinn anns a' chomharsnachd a-rithist.

Cha b' urrainn dhith a bhith na b' eadar-dhealaicte bhon òraid chruaidh air inimreachd a thug Theresa May seachad an là roimhe.

Chan eil fhios an robh dùil aig an fheadhainn a bha anns an talla ris a leithid.

Ach bha aire Mhgr Chamshroin air na daoine taobh a-muigh.

Cothrom

Gu ìre, tha sin air sgàth rudeigin eile ris nach robh dùil aig daoine ron Chèitean.

Tha Mgr Camshron agus George Osborne a' faicinn ann an taghadh Jeremy Corbyn mar cheannard nan Làbarach cothrom mòr dhaibh fhèin.

Mhol cuid - agus iad dhen bheachd nach toir ceannard ùr nan dùbhlanach dùbhlan sam bith dhaibh - ag ràdh gun robh cothrom aig na Tòraidhean a-nis gluasad na b'fhaide don làimh chlì.

Ach na fhaclan co-dhiù, thagh Mgr Camshron an taobh eile.

Leis an òraid seo bha e airson na Tòraidhean a chur ann an teas-mheadhan an deasbaid phoileataigiche, agus na Làbarach fo Mhgr Corbyn air an talamh sin a ghèileadh dhaibh.

Chan eil ach mòrchuid bheag - 12 - aig Mgr Camshron agus 's ann mar seo a tha e airson cur rithe.

Gearradh

Canaidh cuid gur e am briathair a dh'innseas ach an gnìomh a dhearbhas - ciamar as urrainn dha ràdh gun do ghluais am pàrtaidh don mheadhan fhad 's a bha iad a' gearradh shochairean do chuid dhe na daoine as bochda?

Chuala sinn sin bho Bhoris Johnson agus e a' toirt rabhadh seachad mu ghearradh chreideasan-cìse.

Ach 's e an trioblaid as motha do Mhgr Chamshron nach bi e fhèin ann airson cur ris a' mhorchuid aige aig an ath thaghadh.

Dh'aidich e sin anns an òraid fhèin ag ràdh gun robh e "na chabhaig" crìoch a chur air an obair aige, ag atharrachadh a' phàrtaidh - agus na dùthcha.

Ach tha aire air gluasad mar-thà gu George Osborne, Theresa May agus Boris Johnson.

Thèid faclan agus gnìomhan an triùir sin a sgrùdadh gu mòr anns na mìosan a tha romhainn.