Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt Rùnaire an Dìon, Mìchael Fallon, gu bheil an Riaghaltas den bheachd nach eil ach glè bheag de dh'ionnsaighean na Ruis ann an Siria ag amas air feachdan na Stàite Islamaich. Thuirt Mgr Fallon gu bheil dol a-mach na Ruis cunnartach oir nach eil iad ag obair còmhla ri dùthchannan eile, agus thuirt e gu bheil an Riaghaltas a' sìor fhaighinn taic sa Phàrlamaid airson armachd Bhreatainn a chur an sàs an aghaidh IS ann an Siria.

Co-labhairt nan Tòraidhean

Innsidh am Prìomh Mhinistear do Co-labhairt nan Tòraidhean an-diugh gu bheil Breatainn aig meadhan deich bliadhna de dh'atharrachadh mòr. Tha dùil cuideachd ri beachd bho Mhgr Camhshron air suidheachadh a' phàrtaidh ann an Alba, air an là mu dheireadh den cho-labhairt ann am Manchester.

Iacht

Thuirt maoir-chladaich gu bheil droch shìde a' cur maill air an oidhirp air cobhair a dhèanamh air iacht mu 100 mìle an ear air Sealltain. 'S e aon duine a tha air an iacht, fear a tha 82, agus a dhiùlt a thogail dhith le heileacoptair.

Michelle NicThòmais

Chaidh gearan ri Coimiseanair Inbhe na Pàrlamaid mun bhall-pàrlamaid, Michelle NicThòmais. Thog ball Tòraidh, Anndra Bridgen, a' chùis, agus poilis a' rannsachadh chasaidean mu chùisean gnothachais co-cheangailte ris a' bhall SNP. Chuir ise bhuaipe cuip an SNP aig Westminster agus tha i a' dol às àicheadh gun do rinn i dad ceàrr.

MG Alba

Thuirt Cathraiche MG Alba, Magaidh Choinneagan, nach eil iarrtas airson deich uairean gach seachdain de phrògraman ùra Gàidhlig do BhBC Alba ach reusanta an coimeas ri roinnean eile a tha sa BhBC. Tha MG Alba ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh gealltanas air deich uairean de phrògramman ùra gach seachdain, nam freagairt dhan cho-chomhairle a tha a' tighinn gu crìoch a-màireach mu ùrachadh air Càirt Rìoghail a' BhBC.

Volkswagen

Tha dùil ri fios bho Volkswagen an-diugh mun dòigh san cuir iad ceart cha mhòr aon deug millean càr diesel anns a bheil innleachd a tha a' mealladh dheuchainnean truaillidh. Thuirt àrd-oifigeach ùr na companaidh, Matthias Mueller, gun tòisich iad a' gairm chàraichean air ais trath an ath-bhliadhna.

Tesco

Thuit prothaid Tesco, an t-sreath bhùithean às motha ann am Breatainn, gu còrr 's leth air a' chiad leth den bhliadhna ionmhais seo. 'S e prothaid de £354m a bh'ann, an coimeas ri £779m aig an aon àm an-uiridh. Thuirt an t-àrd oifigeach, Dave Lewis, gu bheil Tesco a dh'aindeoin sin a' dèanamh adhartas an dèidh ùine dhoirbh dhaibh.