Dà bhàs obann an Inbhir Nis

  • 6 An Dàmhair 2015

Dhearbh na Poilis gun do bhàsaich dithis fhireannach òg gu h-obann an Inbhir Nis.

Chaidh na cuirp a lorg aig seòlaidhean eadar-dhealaichte.

Bha an dithis aca 23 blaidhna de dh'aois.

Chaidh fear de na fireannaich a lorg ann am Baile a' Chruic anns a' mhadainn Diluain.

Lorgar am fireannach eile ann an Ceasag a Deas Oidhche Shathairne.

Thuirt na Poilis nach eil iad amharasach mu na bàsan.