Leasachadh ga iarraidh airson Sràid a' Chaisteil

  • 6 An Dàmhair 2015
Sràid a' Chaisteil Image copyright Dr Neil Clifton/Geograph

Tha luchd-gnothaich air Sràid a' Chaisteil an Inbhir Nis ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd piseach a thoirt air coltas na sràide.

Thuirt iad gun do dhiochuimhnich an t-ùghdarras ionadail mu Shràid a' Chaisteil fhad 's a bha leasachadh ga dhèanamh anns an t-seann bhaile le sgeama Streetwork.

Thuirt Denise Collins aig a bheil bùth air an t-sràid gun dèanadh cabhsairean agus solais-sràide ùra feum dhan àite.

Bha i cuideachd ag ràdh nach biodh e ro chosgail sin a dhèanamh.