Ceist mu dhuilleig Ghàidhlig an Albannaich

  • 6 An Dàmhair 2015
An t-Albannach Image copyright other

Dh'iarr am pàipear-naidheachd An t-Albannach beachdan dhaoine air dè bu chòir tachairt dhan duilleig Ghàidhlig aca, is fathannan air nochdadh gum faodadh i a dhol à bith.

Thuirt An t-Albannach gum b' fheàrr leotha an duilleag a chumail, ach gum feum iad dòighean-obrach ùra a lorg gus sin a dhèanamh.

Nochd fathannan anns na meadhanan sòisealta anns na làithean mu dheireadh gun robh An t-Albannach an dùil cur às do dhuilleig na Gàidhlig, ged nach dearbhadh am pàipear fhèin sin.

Oidhche Luain, chuir iad brath air an làraich-lìn aca is iad ag ràdh gu bheil iad 'son an duilleag a chumail, ach gum bi aca ri dòighean-obrach ùra a lorg ma tha sin gus tachairt.

Tha iad ag ràdh gur i an duilleag as cosgaile dhaibh a tha sa phàipear, is nach gabh sàbhalaidhean a dhèanamh leatha san aon dòigh 's a ghabhas ri duilleagan eile.

Thuirt iad gu bheil iad ag aithneachadh na taic a th' ann 'son na Gàidhlig, is gu bheil cothrom aca àrd-ùrlar nàiseanta a thoirt dhan chànan.

Thuirt am pàipear gu bheil iad an dòchas gum faic daoine gu bheil iad air taic a chumail ris a' Ghàidhlig fad iomadh bliadhna, is dh'iarr iad beachdan air mar as urrainn dhaibh an taic a tha sin a chumail a' dol.