Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Dàmhair 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Drabastachd Chloinne

Tha rannsachadh poblach a' tòiseachadh an-diugh mu chasaidean de chùisean eachdraidheil de dhrabastachd an aghaidh chloinne aig dachannan cloinne, ospadail agus sgoiltean còmhnaidh ann an Alba. Dh'innis Riaghaltas na h-Alba san Dùbhlachd an-uiridh gum biodh an rannsachadh ann. Cha deach panal fhastadh fhathast, agus tha gearainnean ann gu bheil am pròiseas a' toirt ro fhada.

Siria

Bidh còmhraidhean ann an-diugh eadar feachdan nan Stàitean Aonaichte 's na Ruis gus an seachainn iad a chèile nuair a tha iad a' toirt ionnsaigh bhon adhair air targaidean ann an Siria. Thòisich an Ruis a' leigeil bhomaichean air feachdan na Stàite Ioslamaich an-dè, ach tha dragh air na h-Aimeireaganaich gu bheil an Ruis ag amas air reubaltaich a tha a' sabaid an aghaidh a' Chinn-Suidhe Assad, seach air saighdearan IS. Thuirt an RAF nach tug ionnsaighean na Ruis buaidh sam bith gu ruige seo air an obair sa bheil itealain chogaidh Bhreatainn an sàs.

Corbyn

Tha Jeremy Corbyn ann an Alba an-diugh airson a' chiad uair mar cheannard air na Làbaraich. Tha e ag ràdh gu bheil e mar phrìomh amas aige luchd-bhòtaidh a tharraing air ais bhon SNP. Thuirt an SNP gum bu chòir do Mhgr Corbyn air a thuras a dh'Alba innse gu follaiseach dè seasamh nan Làbarach air armachd niuclasach Trident.

Bile an Fhoghlaim

Gheall Riaghaltas na h-Alba molaidhean a dh'aithghearr a bheir cothrom nas fheàrr do phàrantan air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha gearain ann nach eil Bile an Fhoghlaim a tha a' dol tron Phàrlamaid an-dràsta làidir gu leòr. Chan eil dùil gun toir an Riaghaltas seachad làn-chòir laghail air foghlam Gàidhlig, ach gum bi neartachadh sa Bhile a thèid ceum nas fhaisge air sin.

Michelle NicThòmais BP

Chuir Michelle NicThòmais, am Ball SNP ann an Westminster air a bheil ceistean mu a cuid gnothachais, fios air na Poilis ag innse gu bheil i deònach an cuideachadh le an rannsachadh. Thuirt ise nach do rinn i dad ceàrr. Dh'èirich a' chùis an dèidh rannsachaidh mu reic agus ceannach thogalaichean ann an Dùn Èideann. Thuirt fear-lagha Ms NicThòmais, Aamer Anwar, gum bu chòir do dhaoine a bhith faiceallach nach toir iad buaidh air dhòigh sam bith air rannsachadh poilis a tha fhathast a' dol air adhart.

Eachdraidh Chèile

Thàinig sgeama gu bith an Alba an-diugh a tha a' toirt cead do dhaoine air fiosrachadh mu eachdraidh càraid. Tha seo an dèidh sgeama pìleat ann an Obar Dheathain agus ann an Siorrachd Àir, fo an deach innse do chòrr is 20 duine gun robh fòirneart ann an eachdraidh an cèile. Chaidh an lagh, Clare's Law, a stèidheachadh ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh an-uiridh, air ainmeachadh air Clare Wood, boireannach a chaidh a mhurt le fear air an robh i a' suirighe aig aon àm.

Bun-sgoil Bheinn Uais

Dh'iarr Àrd-Oifigeach Chomhairle na Gàidhealtachd, Steve Barron, leisgeul an ùghdarrais a ghabhail airson fàileachadh ann an togail na bun-sgoile ùire do Dhrochaid Sguideil agus Baile Màiri air taobh sear Rois. Chosg bun-sgoil ùr Bhein Uais, a dh'fhosgail anns an Damhair ann an 2012, cha-mhòr £1m nas motha na bha dùil. Bha i ceithir mìosan air dheireadh, agus tha gearain ann air cho dona 's a tha an obair-togail.