Bile an Fhoghlaim "ga neartachadh"

  • 1 An Dàmhair 2015
Clas

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gum foillsich iad molaidhean a dh'aithghearr airson cothrom phàrantan air feadh na h-Alba air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a neartachadh.

Bha gearainnean ann bho chuid nach eil Bile an Fhoghlaim a tha an-dràsta a' dol tron Phàrlamaid làidir gu leòr.

Stèidhichidh am Bile pròiseas laghail fo am feum comhairlean èisteachd ri iarrtas phàrantan, ach chan eil e ag ràdh gu feum iad aonadan Gàidhlig a stèidheachadh aig deireadh a' phròiseis.

Ged nach eil coltas gun toir an Riaghaltas seachad làn-chòir laghail air foghlam Gàidhlig, tha Ministear an Fhoghlaim 's nan Cànanan, Alasdair Allan, a-nis ag ràdh gum foillsich e neartachadh air a' Bhile a dh'aithghearr a thèid ceum a dh'ionnsaigh sin.

"Bidh am Bile air a neartachadh gu cinnteach. Bidh molaidhean a' tighinn bhon Riaghaltas airson sin a dhèanamh anns na seachdainnean a tha romhainn," thuirt An Dr. Allan.

"Thuirt mi anns a' Phàrlamaid nuair a bha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn a' Bhile fhèin gun robh mi a' tuigsinn gun robh daoine ag iarraidh gum biodh pàirt den Bhile mu dheidhinn a' chòir a th' aig pàrantan a bhith air a neartachadh.

"Bidh na molaidhean a' dèiligeadh ris a' chuspair sin, agus tha mi a dòchas a dh'aithghearr gum bi mi ann an suidheachadh far am bi mi a' bruidhinn mu dheidhinn sin gu poblach," thuirt e.