Seann phàipear
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Pàipearan Earra-Ghàidheal

27 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha sean-fhacail Ghàidhlig air nach eil mòran eòlach agus sgeulachdan làmh-sgrìobhainnean Mhic an Deòir am measg na tha a' nochdadh ann am Pàipearan Earra-Ghàidheal.

Bha na pàipearan gan cumail bho thùs ann an Caisteal Inbhir Aora ach cha robh e an-còmhnaidh furasta do dhaoine an lorg no sùil a thoirt orra, is gu dearbh chaidh feadhainn dhiubh a lorg is iad air an còmhdachadh le còinneach.

Tha dachaigh ùr aca a-nise ann an tasglann faisg air làimh is tha dùil gum bi e nas fhasa do dhaoine sùil a thoirt air na pàipearan.

Chaidh cuideachd buidheann air a bheil 'Càirdean Phàipearan Earra-Ghaidheal' a stèidheachadh agus cuiridh iad cuid de na tha a' nochdadh anns na pàipearan air-loidhne.

Bhruidhinn Andreas Wolff ris an Oll. Raghnall MacIlleDhuibh a tha na bhall den bhuidhinn.