Àireamhan le tinneas Lyme an Uibhist dol am meùd gu mòr

  • 25 An t-Sultain 2015
tic
Image caption Gu math tric 's e an gartan a tha a' giùlain tinneas Lyme

Sa chumantas, gach ochd là tha cùis ùr de thinneas Lyme ga dearbhadh ann an Uibhist.

Tha àireamhan ùra a' sealltainn gu bheil fada a bharrachd chùisean ann an Uibhist is Beinn nam Fadhla, na th' ann an sgìrean eile anns na h-Eileanan Siar.

Gu math tric 's ann bho ghartain a thathar a' togail an tinneis, agus tha e a' toirt fìor dhroch bhuaidh air cuid de dhaoine.

A rèir àireamhan bho ionadan dotair ann an Uibhist agus Barraigh chaidh 136 cùis de thinneas Lyme a chlàradh thairis air na trì bliadhna a chaidh seachad.

Barraigh

Anns an ùine sin cha d' fhuair ach triùir ann am Barraigh an tinneas.

Tha dà dhòigh ann dearbhadh a bheil duine a' fulaing le tinneas Lyme - 's e sin tro dheuchainn fala neo deuchainn targaid far a bheil e nochdte air a' chraiceann gu bheil làrach ann far an do ghreimich gartan.

Bha Fiona Walker à Uibhist a Deas air a bhith a' faireachdainn bochd airson grunn bhliadhnaichean, agus air a dhol tro mhòran sgrùdaidhean mus do rinn dotair air Tìr-Mòr a-mach gur e an tinneas Lyme a bh' oirre.

Bitheanta

'S ann an Uibhist a Tuath as bitheanta a tha e, agus tha Nannag Skivington à Solas, air an tug e buaidh am-bliadhna, airson barrachd fhiosrachaidh fhaicinn gu poblach mu dheidhinn agus is dòcha rannsachadh a' tòiseachadh air na gartain fhèin.

Thuirt a' Bh.Ph. Skivington gum bu chòir bileag a dhol a-mach dhan t-sluagh. 'S e rud a th' ann mu Lyme gu bheil e cho diofraiche ann an diofar dhaoine.

"Ma tha an gartan, mar a tha a e' cumail an tinneis seo agus ga chur an lùib nan daoine, gum bu chòir dhaibh a bhith coimhead dè cho bitheanta 's a tha e, oir chan ann sa h-uile gartan a gheibh thu e, ach tha mi a' smaointinn gum bu chòir rannsachadh a dhèanamh'.

Tuilleadh air an sgeulachd seo