Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Poilis na h-Alba

Dh'iarr Poilis na h-Alba leisgeul a ghabhail air teaghlach boireannaich a bha a dhìth airson còrr is seachdain agus a fhuaireas marbh. Thàinig e am follais gun deach innse dha na Poilis Dihaoine seo chaidh gum facas am boireannach, air an robh dementia, ach nach d' fhuair siostam conaltraidh nam Poileas no an sgioba rannsachaidh am fiosrachadh sin. Tha e coltach gur e corp Sheònaid NicAoidh, a bha 88 agus a buineadh do Knightswood, a fhuaireas ann am Bruaich Chluaidh an-dè. Tha a' chùis a-niste aig Coimisean an Rannsachaidh agus Ath-Sgrùdaidh nam Poileas. Thuirt an teaghlach nach eil gearain sam bith acasan air an dòigh anns an do làimhsich na Poilis a' chùis.

Ceann Phàdraig

Chan eil air fhàgail anns an tagradh airson deuchainn air glasadh càrboin agus £1bn de thaic-airgid an Riaghaltais mu choinneimh na h-obrach sin, ach stèisean chumhachd Cheann Phàdraig. Thuirt a' chompanaidh Drax, gur e gearradh an Riaghaltais ann an subsadaidh air cumhachd ath-nuadhachail as coireach nach eil iad a' dol air adhart leis an teicneòlas ùr aig stèisean chumhachd ghuail ITS ann an Yorkshire.

Saudi Aràibia

Chuir na h-ùghdarrasan ann an Saudi Aràibia dìon orra fhèin agus càineadh ann an dèidh còrr is 700 duine am pronnadh gu bàs aig fèill Hajj, faisg air Mecca an-dè. Tha Ioran ag ràdh gun deach rathaidean a dhùnadh, 's gur e sin as coireach ris an tubaist. Tha Riaghatlas Shaudi ag ràdh nach do ghabh an sluagh comhairle oifigich a bha a' stiùireadh na cùise.

Ratharsair

Coinnichidh NHS na Gàidhealtachd ri muinntir Ratharsair an ath-sheachdain, agus dragh ann mu sheirbheis mheidigich an eilein. Tha iad ag ràdh gun deach am fàgail gun nurs còrr is dàrna leth na seachdain seo chaidh. Chan eil cùram meidigeach air a bhith aca nas motha taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach airson nan trì mìosan mu dheireadh. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad a' coimhead an tèid aca air seirbheis a thoirt seachadh tron oidhche, agus air an deireadh-sheachdain ann an Ratharsair.

Toirbheartan

Tha sgiobannan teasairginn air taobh siar Rois a' coimhead airson fear a bha a' ruith na beinne ann an Toirbheartan. Chaidh innse dha na Poilis an-dè nach fhacas Alexander Brett, a tha 65, bho dheireadh na seachdain seo chaidh. Tha trì sgiobannan teasairginn monaidh, heileacoptair mhaor-cladaich, agus sgioba chon an sàs anns an rannsachadh.

Aiseag Ìle

Tha gearain ann an Ìle mun chlàr-ama airson seirbheisean aiseaig an t-Samhraidh an ath-bhliadhna. Ged a tha Riaghaltas na h-Alba a' leudachadh cuid de sheirbheisean a' chosta an iar, chan eil atharrachadh idir air seirbheisean Ìle. Tha comhairliche an eilein, Robin Currie, am measg na tha ag iarraidh coinneimh le Ministear Còmhdhail na h-Alba Derek MacAoidh.