Sràid an Acadamaidh dol a dh'fhosgladh as ùr

  • 24 An t-Sultain 2015
Scaffolding at fire damaged property in Inverness
Image caption Tha an sgafallachd air a bhith suas bhon Ghiblean.

Às dèidh mhìosan de bhùrach is maille air Sràid an Acadamaidh ann an Inbhir Nis, thèid an rathad fhosgladh do thrafaig air an dà thaobh den rathad.

Thèid obair deatamach a dhèanamh oidhche Luain 28, oidhche Mhàirt 29 agus oidhche Chiadain 30 agus fad an là Diardaoin 1mh Dàmhair son 's gum bi an rathad deiseil a dhol air ais dhan àbhaist Dihaoine.

Chaidh sgafallachd a chur timcheall na bùtha, 'M&Co' às dàidh do flat os a chionn a dhol na theine sa Ghiblean.

Sgafallachd

Dh'fhàg seo nach robh ach aon slighe de Shràid Acadamaidh fosgailte do charbadan.

Ach tha iad a nise dol a ghluasad a sgafallachd agus bidh àite ann son daoine a tha coiseachd, agus bidh an dà shlighe air am fosgladh do dhràibhearan.

Thuirt Pròbhast a' bhaile, an Comh. Eilidh NicIlleMhìcheil gun toir seo brosnachadh do na gnìomhachasan timcheall an àite, 's thug i taing dhan t-sluagh airson am foighidinn fhad 's a tha an obair air a bhith dol air adhart.

Dùinte

Thèid an t-sràid a dhùnadh eadar 7f agus meadhain oidhche air 28, 29 agus 30mh an t-Sultain son a sgafallachd a ghluasad.

Chaidh iarraidh air dràibhearan an sgìre a sheachnadh aig na h-amanan sin.

Feumar Lonaig Strothers a chumail dùinte gu trafaig ge-tà gus an tèid càradh ceart a dhèanamh air an togalach far an robh an teine.