Aodach fear-snàimh a tha a dhìth ga lorg

  • 24 An t-Sultain 2015
Anndra Gòrdan Image copyright Poileas Alba
Image caption Chaidh Anndra Gòrdan a-mach a shnàmh madainn na Sàbaid.

Chaidh an t-aodach a bh' air Anndra Gòrdan mus deach e a shàmh faisg air Drochaid an Eilein Sgitheanaich a lorg.

Cha deach Mgr Gòrdan, 54 à Lodainn an Ear, fhaicinn bho chaidh e a shnàmh Là na Sàbaid.

Chaidh an t-aodach fhaighinn tràth anns an iomairt gus a lorg.

Tha an RNLI, na Maoir-Chladaich, a' Chrois Dhearg agus sgiobannan poilis air a bhith a' coimhead air a shon.

Tha Mgr Gòrdan sia troighean de dh'àirde, tapaidh le falt goirid donn agus feusag.