Iasgairean air dà ràmh mu sgìrean MPA

  • 23 An t-Sultain 2015
Tràladh

Chuala Buill na Pàrlamaid Albannaich fianais chaochlaideach bho iasgairean mu a bhith a' stèidheachadh sgìrean glèidhte mara MPA far a' chosta an iar.

Tha dùil gun tòisichear air an 30 sgìre a stèidheachadh an ath-mhìos, le amas dìon a chur air àrainnean cugallach.

Chuala Comataidh nan Cùisean Dùthchail, Atharrachadh na h-Aimsire agus na h-Àrainneachd dragh bho chuid de dh'iasgairean gun dèanadh na sgìrean glèidhte cron air a' ghnìomhachas aca.

Chuir iasgairean clèibhe agus dàibhearan chreachan fàilte air crìochan a dheadh air cuid de dhòighean iasgaich, leithid sguabadh chreachan.

Bha a' Chomataidh a' cruinneachadh fianais bhon ghnìomhachas air a bhith a' stèidheachadh nan sgìrean ann an àiteachan leithid na h-Eileanan Beaga agus Caolas Bharraigh.

Bha riochdairean an iasgaich thràlaidh stèidhichte aig puirt eadar Cluaidh is Loch an Inbhir ag ràdh gur dòcha gun cumadh na sgìrean bàtaichean sna calaidhean aca sa Gheamhradh, le a bhith a' diùltadh cothrom dhaibh air uisgeachan fasgach.

Rinn iad cuideachd càineadh air a' cho-chomhairle a rinneadh air a' chùis leis a' bhuidhinn riaghaltais Marine Scotland.

Thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, nach robh iasgairean an aghaidh idir a bhith a' cur dìon air grunnd na mara, ach gun robh dragh orra mu mar a bhiodhte a' stiùireadh nan sgìrean MPA.

Thuirt Alasdair Mac na Ceàrdaich ge-tà, bho Chomann Iasgairean Clèibhe na h-Alba, gun robh na buill aige a' cur fàilte air na sgìrean glèidhte.