Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fògarraich

Tha ministearan Eòrpach a' coinneachadh sa Bhruiseil a dh'aontachadh sgeama cuota do dh'imrichean, ged a tha dùthchannan ann am meadhan agus air taobh sear na h-Eòrpa a' gearain gun deach an sgeama sin a sparradh orra. Bhòt Slobhaigia, Romàinia, an Ungair agus Poblachd nan Seiceach na aghaidh an-dè, agus tha Slobhaigia ag ràdh nach gabh iad idir ris a' phlana.

'S thàinig dearbhadh bho Oifis na Dùthcha an-raoir gu bheil a' chiad fheadhainn de na fògarraich à Siria air tighinn a Bhreatainn bho dh'fhosgail sgeama às ùr airson dachaigh a thoirt dhaibh.

Còirichean

Canaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba an-diugh a-rithist gu bheil i gu mòr an aghaidh plana nan Tòraidhean airson cur às do dh'Achd Chòirichean a' Chinne-Daonna, agus Bile Chòirichean Breatannach a chur na h-àite. Canaidh Nicola Sturgeon ann an òraid ann an Glaschu gum milleadh sin cliù na Rìoghachd Aonaichte gu eadar-nàiseanta.

Volkswagen

Tha bòrd-stiùiridh Volkswagen a' coinneachadh an-diugh, là an dèidh dhan chompanaidh aideachadh gu bheil 11 millean càr aca air feadh an t-saoghail anns an do chuir iad teicneòlas a bha a' mealladh dheuchainnean airson glainead an einnseinn. Tha coltas ann gum faodadh casaidean eucorra a thogail anns na Stàitean Aonaichte an aghaidh Volkswagen.

Sgìrean MPA

Bheir iasgairean air a' chosta an iar a tha ag iomairt an aghaidh phlanaichean airson sgìre ghlèidhte MPA aig muir fianais do Chomataidh nan Cùisean Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh. Tha Comann Iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh nach eil an Riaghaltas a' tuigsinn droch bhuaidh eaconamaich nan sgìrean glèidhte sin air sgìrean iomallach, agus gur ann glè ainneamh a gheibh iasgairean gu muir air a' Gheamhradh ma thèid na sgìrean glèidhte air adhart.

Seirbheis Aiseig

Rinn muinntir Uibhist a Deas toileachas ris an naidheachd gun tòisich seirbheis aiseig làitheal eadar Malaig 's Loch Baghasdail bho Shamhradh an ath-bhliadhna, agus seòladh gach là eadar an t-Òban is Barraigh, le bàt-aiseig a dh'aona-ghnothaich air an t-seirbheis sin. Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Raghnall MacFhionnghain, gum fosgail e na h-eileanan mu dheas a-mach gu tur.

Na Poilis

Tha Riaghaltas na h-Alba 's Poilis na h-Alba ag iarraidh beachd an t-sluaigh air poileasaidhean nàiseanta na seirbheis. Tha seo an dèidh sreath ghearainnean mu phoilis armaichte agus dàil ann an dèiligeadh ri tubaist air an M9 anns an do chaill dithis am beatha. Tha sgrùdadh ann cuideachd air obair nam Poileas gu h-ionadail.