Iasgairean a' toirt fianais air sgirean MPA

  • 23 An t-Sultain 2015
Iasgair
Image caption Tha na h-iasgairean draghail mun bhuaidh a bheireadh na sgìrean glèidhte air an obair aca, agus air na coimhearsnachdan a tha a' crochadh air.

Bhiodh fìor dhroch bhuaidh aig sgìrean glèidhte mara air coimhearsnachdan air feadh taobh siar na h-Alba, a rèir Chomainn Iasgairean nan Eilean Siar.

Bheir iasgairean fianais dhan Riaghaltas air a' chùis Diciadain.

Chaidh dàil cola-deug a chur air na planaichean 'son sgìrean glèidhte ùra a chur an sàs, airson cothrom a thoirt do dh'iasgairean innse dhan Riaghaltas an dragh a th' orra mun ghnothach.

"Tha e a' dol a thoirt tòrr a bharrachd buaidh air tìr, agus air an luchd-giollachd cuideachd," thuirt Rùnaire a' Chomainn, Donnachadh MacAonghais.

"Agus saoilidh mi, bho chaidh sùil phroifeasanta eaconamach a thoirt air, gum feum iad sùil eile a thoirt air an dòigh a rinn iadsan e.

"Chan eil mise a' faicinn gun urrainn dhaibh gluasad air adhart leis an droch bhuaidh a tha e a' dol a thoirt air na coimhearsnachdan bho Chuaidh suas taobh an iar na h-Alba air fad, agus air na h-Eileanan an Iar gu h-àraid," thuirt e.