Cha tèid inbhe ùr air a' Ghleann Mhòr

  • 22 An t-Sultain 2015
Loch Nis Image copyright Sarah McGuire / Geograph
Image caption Tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tèid bòidhchead Loch Nis is a' Ghlinne Mhòir a sgrios.

Cha tèid inbhe shònraichte a chur air a' Ghleann Mhòr is comataidh aig Holyrood air co-dhùnadh gun taic a chur ri ath-chuinge a bha mun coinneimh.

Bha a' bhuidheann iomairt, Caraidean a' Ghlinne Mhòir, air an ath-chuinge a chur air adhart is iad ag ràdh gu bheil planaichean aig diofar luchd-leasachaidh 'son 500 crann-gaoithe a bharrachd a thogail san sgìre.

Dh'iarr iad gun ainmicheadh Riaghaltas na h-Alba an Gleann Mòr is Loch Nis mar Sgìre Bhòidhchead Nàiseanta agus gun iarradh iad inbhe Làrach Dualchais na Cruinne bho UNESCO dhan sgìre cuideachd.

Tha an luchd-iomairt a' cumail a-mach gu bheil "ùine a' sìor-ruith a-mach gus bòidhchead na sgìre a shàbhaladh".

Fhuair an ath-chuinge taic bho chòrr is 3,000 duine.

Freagairt

San fhreagairt aca dhan ath-chuinge ge-tà, thuirt SNH nach robh coltas ann gun rachadh an sgìre a chur air adhart mar Sgìre Bhòidhchead Nàiseanta.

Thuirt a' bhuidheann ghlèidhteachais cuideachd gu bheil iad den bheachd nach biodh tagradh 'son inbhe Làrach Dualchais na Cruinne "ro làidir".

Bheachdaich Comataidh nan Ath-chuingean Poblach air a' ghnothach Dimàirt is cho-dhùin iad gun gluasad air adhart.

"Tha e coltach gu bheil an t-ùghdarras ionadail a' coimhead air a seo is nach eil an gnothach buileach mar a bha cuid ag ràdh", thuirt cathraiche na comataidh, Coinneach MacAsgaill.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil a' Chomhairle air gabhail ris gu bheil na sgìrean a bha 's dòcha gu bhith ann an cunnart, nach tèid crainn a-nise a chur anns na sgìrean sin", thuirt e.

Dh'aontaich a' Chomataidh aige sin an ath-chuinge a dhùnadh agus an gnothach fhàgail ann an làmhan Comhairle na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile