Cupa na Camanachd an Cill Targhlain

  • 21 An t-Sultain 2015
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Lòbhat a bhuanaich Cupa na Camanachd

Thill Cupa na Camanachd do Chill Tharghlain 'son a' chiad turais bho 1953 is Lòbhat a' soirbheachadh 2-1 air Caol Bhòid san Òban.

Bha dithis ghaisgich gu sònraichte ann an sgioba Lòbhait.

Aig an aghaidh, chuir Caoimhinn Bartlett an dà thadhal, agus aig a' chùl chuir am fear-glèidhidh, Stiùbhairt Dòmhnallach, stad air gach rud a dh'fheuch Caol Bhòid.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Blasad de dh'aithris Radio nan Gàidheal air a' chuairt dheireannaich.

Thàinig a' chiad tadhal aig Bartlett dìreach ro letheach ùine is ged a chuir Robbie MacLeòid sgioba Thaigh na Bruaich co-ionnan tràth san dàrna leth, nochd Bartlett a-rithist goirid às dèidh sin gus cùisean fhàgail aig 2-1.

Às dèidh sin, thàinig sreath às dèidh sreath de dh'ionnsaighean bho Chaol Bhòid ach chan fhaigheadh iad dòigh seachad air an Dòmhnallach eadar na puist.

Cha robh e idir na iongadh gur ann dhan Dòmhnallach a chaidh Bonn Albert Mhic a' Ghobhainn 'son sàr chluicheadair an là.

Thòisich am pàrtaidh leis an fhìdeag mu dheireadh agus 's iongantach mura h-eil e a' dol fhathast an Cill Targhlain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile