An Referendum
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bliadhna on Referendum: Dùn Èideann

18 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha cha-mhòr bliadhna bho bhòt Albannaich fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Ged a chuir 55% an aghaidh neo-eisimeileachd, chan eil coltas ann gu bheil a' chùis seachad agus cuid ag iarraidh bhòt eile ann an ùine nach bi fada.

Bha Dùn Èideann am measg nan àiteachan a bhòt gu làidir an aghaidh neo-eisimeileachd.

Chaidh am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher, dhan phrìomh bhaile faic a bheil càil air atharrachadh bhon uair sin.