Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imrichean

Thuirt Prìomhaire Chroàitia, gun toir iad cead air slighe tron dùthaich sin do dh'fhògarraich 's do luchd-imrich a tha ag iarraidh gu taobh siar na h-Eòrpa. Tha ceudan dhiubh sin a bha glacte ann an Serbia air a crìochan ris an Ungair a-niste a' dèanamh air Croàitia an dèidh dhan Ungair stad a chur orra.

'S tha an Cabhlach Rìoghail deònach soitheach-cogaidh a chur an sàs anns an t-strì an aghaidh imreachd mhì-laghail sa Mhuir Mheadhan-Thìreach. Ma ghabhas an t-Aonadh Eòprach ris, dh'fhaodadh HMS Richmond a bhith air a cleachdadh airson stad a chur air bàtaichean far chosta Libia a tha an sàs ann an imreachd mhì-laghail.

Cion-cosnaidh

Cha tàinig atharrachadh mòr sam bith air an àireamh dhaoine gun chosnadh an Alba eadar an Cèitean agus an t-Iuchar. Bha an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte suas mu 10,000 gu 1.82 millean. Bha 164,000 duine gun obair ann an Alba, agus aig 5.9% tha sin nas àirde na tha an 5.5% ann am Breatainn anns an fharsainneachd.

Corbyn

Tha feadhainn sa Phàrtaidh Làbaraich a' càineadh a' cheannard ùir Jeremy Corbyn nach do ghabh pàirt ann an seinn na laoidh-nàiseanta aig seirbheis ann an Cathair-Eaglais an Naomh Pòl an-dè a' cur cuimhne air Blàr Bhreatainn. Tha eas-aonta cuideachd anns a' chaibineat Làbarach a thaobh am bu chòir cur às dhan chrìch air sochairean sòisealta. Bidh Mgr Corbyn a' gabhail pàirt airson a' chiad uair an-diugh ann an Ceistean a' Phrìomhaire.

Fèin-Riaghladh

Tha fear a bha na àrd-stiùiriche air Oifis na h-Alba ag ràdh gum feum làn-fèin-riaghladh, no làn-smachd air ionmhas a thoirt do dh'Alba. Thuirt Alun Evans gun cuireadh Home Rule stad air an deasbad mun bhun-reachd. Tha ministearan ann an Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an aghaidh làn-smachd air ionmhas, ged a tha iad a' gealltainn tuilleadh chumhachdan do Dhùn Èideann ann am Bile na h-Alba.

Companaidh Chumhachd

Beachdaichidh Comhairle nan Eilean Siar air moladh gum bu chòir companaidh chumhachd a stèidheachadh a bheireadh dealan nas saoire do mhuinntir nan eilean. Ma thèid leotha tha dùil gum biodh a' chompanaidh, ann an co-bhanntachd ri companaidh phrìobhaidich, stèidhichte anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Scottish Power

Tha a' bhuidheann-sgrùdaidh Which? ag ràdh gur iad Scottish Power a' chompanaidh as miosa airson seirbheis do luchd-cleachdaidh. Ann an ceasnachadh air 3,500 duine cha tuirt ach 59% gun robh iad riaraichte le Scottish Power.

Seirbheis-adhair

Tha sgrùdadh às ùr a' tòiseachadh air seirbheis-adhair a stèidheachadh a-rithist dhan Eilean Sgitheanach. Tha bùth-obrach anns an Ath Leathann an-diugh mar chiad phàirt den rannsachadh a tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' dèanamh.