Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fògarraich

Thuirt Leas-Sheansalair an Gearmailt, Sigmar Gabriel, gur e cùis nàire a th' ann dha na dùthchannan Eòrpach gun do dh'fhailich orra tighinn gu aonta air dè an àireamh fhògarrach a dh'fheumas gach dùthaich a ghabhail. Bha an Ungair, Poblachd nan Seiceach agus Slobhaigia am measg na chuir an aghaidh a' phlana, ged a dh'aontaich iad ann am prionnsabal fògarraich a roinn eadar na diofar dhùthchannan.

Chaidh buidheann de dh'imrichean à Afganastan agus Siria a chur an grèim anns an Ungair fo laghan ùra na dùthcha sin. Chuir an Ungair an lagh an sàs an-raoir, fo bheil e mì-laghail a dhol thar chrìochan na dùthcha gun chead, no milleadh a dhèanamh air an fheansa air a crìochan ri Serbia.

Na Làbaraich

Tha buill na pàrtaidh aige fhèin a' cur teagamh ann an seasamh a' cheannaird ùir Làbaraich, Jeremy Corbyn, air àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach, agus na bheachdan air Trident agus an eaconamaidh. Tha Mgr Corbyn a' toirt òraid do cho-labhairt nan aonaidhean ciùird ann am Brighton an-diugh, agus tillidh e a Thaigh nan Cumantan feasgar a chur an aghaidh plana an Riaghaltais airson gearraidhean anns na sochairean sòisealta.

An Atmhorachd

Thuit ìre na h-atmhorachd a rèir chlàr an CPI gu 0% anns an Lùnastal, bho 0.1% anns an Iuchar. Tha an atmhorachd CPI an ìre mhath gun ghluasad bho chionn sia mìosan an dèidh tuiteam gu 0% anns a' Ghiblean airson a' chiad uair ann an 55 bliadhna.

NHS nan Eilean Siar

Tha tè a bha na nurs aig àrd-ìre ann an NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil an t-seirbheis a' sìor-fhàs nas miosa air a' bhliadhna a chaidh seachad. Thuirt Agnes Rothach aig ath-sgrùdadh bliadhnail Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar gun deach Leòdhas agus na Hearadh fhàgail gun dotair idir airson 24 uairean aon turas air an t-Samhradh seo. Thuirt Stiùiriche Meidigeach NHS nan Eilean Siar, an Dtr Aonghas MacEalair, gu bheil an t-seirbheis ag obair, agus gu bheil plana aca a tha a' dèanamh cinnteach nach bi duine ann an cunnart.

Aquamarine Power

Fhuair companaidh Albannach a tha an sàs ann an leasachadh chumhachd nan tonn far chladach Leòdhais agus Arcaibh còrr is £500,000 de thaic-airgid bhon Aonadh Eòrpach. Thuirt Aquamarine Power gun cuir iad an t-airgead gu ruige èifeachdachd na h-innleachd Oyster aca.