Lòbhat sna hòbhan hò

  • 14 An t-Sultain 2015
An geama ann an 1953 Image copyright Other
Image caption Coinnichidh Lòbhat is Caol Bhòid sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd, mar a thachair ann an 1953.

Nuair a bha sgioba chamanachd Lòbhat a' comharrachadh ceud bliadhna mar sgioba, thug iad sgioba Chaol Bhòid air aoigheachd bho Thaigh na Bruaich an Earra-Ghàidheal. Bha sin iomchaidh gu leòr, agus ceangal eachdraidheil eatarra, ged a bhuineas iad do dhiofar roinnean de shaoghal na camanachd, deas is tuath.

'S e a thug an dà sgioba còmhla, mar a thachair an 1953 nuair a bhunnig Lòbhat Cupa na Camanachd, aig an dàrna oidhirp anns a' Ghearasdan, an dèidh a bhith co-ionnan anns an Òban.

Image copyright Other
Image caption Na sgiobaidhean mar a bha iad air ais ann an 1953.

Chaidh an cupa air ais a Chill Tharaglain, agus thàinig iad còmhla ann an 1988; agus thig iad còmhla a-rithist anns an Òban gu h-iongantach ann an cuairt dheireannaich Chupa na Camanachd a-rithist Disathairne seo tighinn. Chan eil Lòbhat air an cupa a thogail bhon là eachdraidheil sin an 1953, agus tha iad air a bhith ann an dubhar, dorchadas a chinn a' tuath fad bhliadhnaichean gus an tàinig ùrachadh orra anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, a' buinnig Cupa MhicThàbhais mar eisimpleir. Cha bheag a tha Caol Bhòid air a chur às an dèidh thar nam bliadhnaichean agus tha eachdraidh cho làidir ri gin aca sa phrìomh fharpais.

Bho àm gu àm, bheir eachdraidh dhuinn rudan gu math annasach agus tha sin a' tachart gu math tric ann an saoghal spòrs. Sin a tha a' toirt dhuinn rud cho inntinneach 's a thachras aig Mossfield anns an Òban Disathairne. Dà sgioba le sàr-eachdraidh a' tighinn còmhla air Là Mòr na Camanachd is gun iad air coinneachadh 'son an urraim airson 62 bhliadhna.

Image copyright Other
Image caption Lòbhat a' dol air thoiseach san dàrna gheama sa Ghearasdan.

Tha àite air leth aig sgioba 1953 ann an eachdraidh Lòbhat agus Cill Tharaglain. Tha Caol Bhòid fhathast air an goirteachadh gu mòr leis na thachair sa chiad gheama sin anns an Òban ann an '53 nuair a theab iad an geama a bhuinnig aig a' chiad oidhirp.

Le sin cha b' urrainn dhan chùis a bhith nas inntinniche. Tha feum aig saoghal na camanachd air deagh gheama agus deagh chuairt dheireannach a bheir togail dhan spòrs. Tha deagh chluicheadairean air gach taobh. Eachdraidh air gach taobh an iomadach dòigh agus iomadh sloinneadh gu bhith ann nan comharradh air an dà thaobh air mar a tha camanachd a' tighinn beò ann an coimhearsnachdan agus aig fìor chridhe chùisean - Irvines, Whytes agus Dòmhnallaich bho sgioba Earra-Ghàidheil agus Mainlands, Gallachers agus Clann 'ic Risnidh air taobh Lòbhait.

Image copyright Other
Image caption MacShimidh còmhla ris na sgiobaidhean.

Bha dithis a' cluich ann an '88 aig am bi làmh mhòr an cùisean Disathairne - Iain MacRisnidh agus Coinneach Dòmhnallach. Tha MacRisnidh a-nis na mhanaidsear air sgioba Lòbhat agus an Dòmhnallach na cho-mhanaidsear air Caol Bhòid, le a dhithis mhac, Rodaidh agus Innes a' cluich sa gheama.

Anns a' mheadhan Disathairne bidh fear àraid eile - Deek Camshron às a' Ghearasdan - am fear a chuir an tadhal as luaithe riamh ann an Cuairt Dheireannach na Camanachd - nas lugha na deich diogan.

Image copyright Other
Image caption Lòbhat is na cupanan aca ann an 1953.

Cò thig am bàrr? Cò aige a tha fios. Tha eachdraidh agus gach tomhas eile ag ràdh gum bi an cupa eireachdail a-rithist ri taobh Chaol Bhòid air an deireadh-sheachdain ach chan fhaod sinn a bhith cho cinnteach sin. Chì sinn agus cluinnidh sinn, agus bidh aon bhaile gu math sàmhach 'son greis an dèidh a' gheama agus othail gun chrìch aig ceann eile na dùthcha. Gura math a thèid leotha le chèile, agus tha mi an dòchas gun toir iad dhuinn geama air am bi sinn (no cuidegin eile!) a' bruidhinn ann an 62 bhliadhna eile.

Agus san dol seachad, cha bu chòir dhuinn diochuimhneachadh gu bheil sgioba ùr gu bhith air an àrd-ùrlar mhòr Disathairne cuideachd - òigridh Shrath Cheilbhin anns an fharpais leasachaidh. Abair là dhaibhsan agus dhan luchd-taic.

Dealbhan air fad bho stòras Uisdein MhicIllinnein.